Òraidean na Fèill Brìghde

Mun fhèill Brìde, bidh dà òraid sa Ghàidhlig le Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ‘s e a-mach air dithist den luchd-chruinneachaidh as ainmeile a bha ag obair ann an Uibhist: Alasdair MacGilleMhìcheil agus Marsaili Cheanadach-Fhrìseil. ‘S e Àrd-Òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig a th’ anns an Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, agus bidh e a’ stiùireadh a’ chùrsa MSc Read more about Òraidean na Fèill Brìghde[…]

Às an Tobar – fèill litreachais 30/11-2/12/17

Fèill ùr litreachais Bidh litreachas Gàidhlig Uibhist a’ nochdadh ann an iomadach cruth, bho òrain is bàrdachd, gu faclan is cainnt, agus sgeulachdan is nobhailean. Bidh beairteas an litreachais seo a’ biadhachadh a chèile, a’ leigeil leis na ginealaichean tarraing à tobair dhomhainn an dùthchais. San fhèill litreachais seo, gheibhear blasad beadarach de na th’ Read more about Às an Tobar – fèill litreachais 30/11-2/12/17[…]

Oifigear Mheadhanan is Conaltraidh Ghàidhlig

Tha oifigear ùr a’ tòiseachadh aig Ceòlas a bhitheas a’ cur ri fàs na Gàidhlig an Uibhist. Thòisich Liam Alastair Crouse, à Aimeireagaidh, an dreuchd aig tòiseachd a’ Ghiblein, 2017. Bidh an obair ùr, a mhaireas 3 bliadhna, a’ cur ri làthaireachd na Gàidhlig aig Ceòlas air loidhne, cuide ri cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh Read more about Oifigear Mheadhanan is Conaltraidh Ghàidhlig[…]

Posted in