Òraidean na Fèill Brìghde

Mun fhèill Brìde, bidh dà òraid sa Ghàidhlig le Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ‘s e a-mach air dithist den luchd-chruinneachaidh as ainmeile a bha ag obair ann an Uibhist: Alasdair MacGilleMhìcheil agus Marsaili Cheanadach-Fhrìseil. ‘S e Àrd-Òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig a th’ anns an Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, agus bidh e a’ stiùireadh a’ chùrsa MSc Read more about Òraidean na Fèill Brìghde[…]

Ciad fhèill litreachais Ghàidhlig a’ tarraing sluagh

’S e soirbheachas mòr a bh’ anns a’ chiad fhèill litreachais tron Ghàidhlig ann an Uibhist, ‘Às an Tobar’, a rèir Ceòlas Uibhist, a chuir air dòigh i. A’ ruith eadar 30 Samhain is 2 Dùbhlachd, bha an fhèill a’ taisbeanadh na farsaingeachd de litreachas ga cruthachadh sa Ghàidhlig, an dà chuid le Uibhistich no mu chuspairean Uibhisteach. Bha còrr is 130 duine an làthair thar na fèille. […]