Tha clàran aig Ceòlas ri reic;
‘Mo Làmh air a’ Stiùir’ – clàr sònraichte dhen t-seinn aig ‘An Eòsag’, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain à Barraigh. Tha 16 sàr òran air a’ chlàr agus iad uile air an seinn anns an dòigh eireachdail aige fhèin. Chaidh na h-òrain fhaighinn bho chlàraidhean a’ BhBC, Sgoil Eòlais na h-Alba, Tasglann Mhic GillEathain agus Cruinneachadh Fear Chanaidh.
Ceòl Uibhist 1 – Cruinneachadh de sheinneadairean agus luchd-ciùil à Uibhist a chaidh a chlàradh gus am biodh iad anns an tasglann.
Ceòl Uibhist 2 – tha tuilleadh dhe na h-Uibhistich aig a bheil òrain agus ceòl an dualchais air a’ chlàr seo.
Am measg na tha air a’ chlàr tha òrain agus pìobaireachd le Catrìona Garbutt, òrain bho Dhonnchadh MacFhionghain, Pòl McCallum, Janice Simpson, ceòl dannsa bho “Na Deasaich”, Calum Iain MacCorcadal, Aonghas Ailig Dòmhnallach agus iomadh duine eile…..
Oirfeid Uibhist – Clàradh beò de Chuirm Pìobaireachd aig Cuirm gus 10 bliadhna de Cheòlas a chomharrachadh. Tha feadhainn dhe na pìobairean as fheàrr an Alba a’ cluich air a’ chlàr seo.
Gheibhear a h-uile gin dhiubh ann am bùithtean ann an Uibhist:
MacGillivrays ann am Baile a’ Mhanaich, Hebridean Jewellery san Iochdar, Taigh Chearsabhagh ann an Loch nam Madadh.
Gheibhear iad cuideachd ann an:
Coda Music ann an Dùn Èideann
Celtic Music Corner ann an Inbhir Nis
Harris Tweed Shop, An Tairbeart, Na Hearadh
Faodar an ceannach air-loidhne bho Oifis Cheòlais airson £10 uile gu lèir.
Tha feadain againn leis an t-suaicheantas aig Ceòlas cuideachd airson £30.00 gach fear.
Post-dealain; info@ceolas.co.uk no fòn 01878 700 154. ONo sgrìobh thugainn aig;
Ceòlas Uibhist
Taigh Gleus
Dalabrog
Uibhist a Deas
Na h-Eileanan Siar
HS




