October 27, 2015

Siubhail a dh’Uibhist

Ri linn na sgoile-samhraidh, bidh Ceòlas a’ cur còmhdhail air dòigh bho na puirt-adhair agus puirt-aiseagan ann an Uibhist agus Beinn na Faoghla.

Pleana: faic Loganair. Itealan dìreach à Glaschu gu Beinn na Faoghla, agus corra uair à Dùn Èideann. Tha seo nas daoire, ach ’s e as luaithe agus as fhasa.

Trèan: faic ScotRail. Trèana à Glaschu (Sràid na Banrighinn) don Òban. Tha an loidhne seo eireachdail agus ’s fhiach an ùine.

Bus: faic Citylink. Busaichean a’ dol do dh’Ùige (taobh tuath an Eilein Sgitheanaich) agus do Mhallaig (airson Loch Baghasdail) agus don Òban (airson Barraigh).

Càr: an t-astar as giorra, ach an aiseag as fhaide, ’s e taobh Mhalaig. Bidh aiseag an Òbain a’ dol gu Barraigh.  Air neo, faodaidh sibh a’ cumail oirbh do dh’Ùige, san Eilean Sgitheanach (~5 uairean à Glaschu) agus bàt’-aiseig 1:45 uairean a’ gabhail a Loch nam Madadh (Uibhist a Tuath), ’s an uair sin cumail oirbh gu deas do Dhalabrog (uair an uaireadair).

Aiseag: faic Calmac. **Chaidh ùrachadh a dhèanamh do sheòlaidhean aiseige.** ’S e an aiseag as fhaide bho Mhalaig gu Loch Baghasdail; ’s e an aiseag as giorra Ùige (An t-Eilean Sgitheanach) gu Loch nam Madadh (Uibhist a Tuath). Cha tèid aiseag an Òbain ach gu Bàgh a’ Chaisteil.  ’S e aiseagan as cumanta an dòigh-shiubhail do na h-eileanaich agus ’s iad as saoire.

A’ tighinn gu Alba: mas ann bho thall thairis a tha sibh a’ tighinn, ’s e port-adhair Ghlaschu Eadar-Nàiseanta as fheàrr, air neo Glasgow Prestwick san dara àite. Tha port-adhair ann an Dùn Èideann nach eil ro fhada às. Bidh seirbhis-bus a’ dol eadarra.

Faodaidh sibh a’ siubhail do dh’Uibhist air caochladh dhòigh (faic làrach-lìn Visit Hebrides airson cuideachadh agus mapaichean air neo cuir fòn do dh’àite-tursachd an Loch Baghasdail +44 1878 700 286).

G’e brith ciamar a shiubhlas sibh a dh’Uibhist, thoir beagan ùine air an t-slighe bòidhchead na h-Alba fhaicinn, oir aon uair ’s gun ruig sibh Ceòlas, cha bhi an cothrom agaibh!