Seirbheis ùr susbainte Gàidhlig le Ceòlas
Tha Ceòlas Uibhist a’ lìbhrigeadh seirbheis ùr Ghàidhlig do bhuidhnean is ghnìomhachasan, a’ tabhainn cuideachadh leis a’ chànan. Tha i ga ruith le Oifigear Conaltraidh na Gàidhlig. Bidh an t-seirbheis, air a bheil ‘An Runnach’, a’ tabhainn cruthachadh susbaint dhà-chànanach, mar sgrìobhadh, dearbhadh-teacs agus eadar-theangachadh, cho math ri cuideachadh leis na meadhanan sòisealta agus làraichean-lìn. Read more about Seirbheis ùr susbainte Gàidhlig le Ceòlas[…]