Guthan an Iar

A’ leantail air pròiseact EOST 2013-14 a bh’ aig Ceòlas, a bha a’ sgrùdadh dualchas òran Uibhist an co-theacs Eòrpach, chaidh Guthan an Iar a stèidheachadh mar bhuidheann-seinn an Uibhist. Tha an clàr fèillmhor ‘Gaoth an Iar’ a’ cur dualchas nan òran Uibhisteach far comhair le cuid mhath de na seinneadairean as aithnichte ann an Uibhist, a’ gabhail a-steach Guthan an Iar. Thàinig clàr eile a-mach ann an 2018 aig a bheil ‘Aig an Iasgach’, a chaidh a riochdachadh le Gillebrìde Mac ‘IlleMhaoil an cois pròiseact rannsachaidh air a’ cheangal eadar a’ Ghàidhlig agus gnìomhachas an iasgaich.

Bidh a’ bhuidheann seo a’ cumail na dìleib seo beò, le bhith ag ionnsachadh agus a’ seinn òrain san nòs dhualchasa Uibhist. Bidh iad rim faicinn aig cèilidhean agus cuirmean bho h-Èirisgeidh gu Loch nam Madadh agus nas fhaide a-muigh.

San àbhaist, bithear a’ cruinneachadh gach seachdain.

SRDP on Film: Ceolas and the EOST Project bho ScottishRuralNetwork air Vimeo.