Clasaichean Gàidhlig

Thathar a’ ruith chlasaichean aig grunn ìrean air feadh Uibhist thairis air a’ gheamhradh. Bidh an clas mu dheireadh ron Nollaig air an t-seachdain a’ tòiseachadh air an 12ra den Dùbhlachd, agus tòisichidh iad a-rithist air seachdain an t-7mh latha den Fhaoillteach.
 
  • DALABROG – DiLuain, Taigh Gleus, 7-8:30f
  • AN t-ÌOCHDAR – DiMàirt, Sgoil an Ìochdair, 6:30-8:30f
  • BAILE A’ MHANAICH – DihAoine, Sgoil Bhaile a’ Mhanaich, 5:30-7f
  • CÀIRINIS – DiCiadain, Sgoil Chàirinis, 7-8:30f
 

Cosgais: £30 gach 4 seachdain, air a thoirt dhan chiad chlas san t-sreath. Bidh taic ann do luchd-obrach an NHS agus pàrantan clann-sgoile aig Baile a’ Mhanaich.

Compàirteachas: tha na clasaichean seo gan ruith mar chompàirteachas ri Comann na Gàidhlig, NHS Eileanan Siar agus Comhairle nan Eilean Siar.

Son barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu; liam@ceolas.co.uk; 01878 700 154.

Gaelic