Dualchas

Eòlas nan Naomh

Ann an 2021, bidh 1500 bliadhna ann on rugadh Calum Cille. Mar phàirt de chomharraichean eadar-nàiseanta air an naomh ainmeil seo a bhios a’ tachairt timcheall Slighe Chaluim Chille, tha Ceòlas a’ gabhail rannsachadh os làimh air Crìosdachd thràth Uibhist, a’ gabhail a-steach nan naomhan a bha ann an Uibhist an dèidh linn Chaluim Chille. Tha ainmean-àite, sgrìobhaidhean tràtha, beul-aithris na Gàidhlig, agus eile, a’ soilleireachadh na h-eachdraidh seo.

Ceum 1: Ainmean-àite agus Vita Sancti Cainnechi: eadar 2016-19, bha Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu a’ rannsachadh agus a’ dealbhachadh làrach-lìn (uistsaints.co.uk) leis an fhianais as ùire againn air ainmean-àite Crìostail Uibhist.

Ceum 2: Cruinneachadh Beul-aithris ann an Uibhist: ann an 2019, bidh Ceòlas a’ cruinneachadh agus a’ clàradh naidheachdan is seanchas Gàidhlig a th’ aig daoine ann an Uibhist mu na seann naomhan ann an Uibhist, a leithid Choinnich, Brìde agus eile.

Ceum 3: Pròiseact Crìostachd thràth Uibhist: ann an 2020, bithear ag ullachadh airson bliadhna Chaluim Chille a chomharrachadh ann an 2021.