Teagasg

Tha an Sgoil-shamhraidh a’ gabhail ri beachd iomlan a thaobh teagasg agus chan eil aon raon slàn gun an fheadhainn eile na chois. Bidh pìobairean ag ionnsachadh nan ruitheaman a bhualadh airson Srath Spèidh aig clasaichean dannsa-ceum fhad ’s a bhiodh fìdhlearan ag ionnsachadh nam fuinn tro na puirt-a-beul. Bidh dannsairean a’ sgrùdadh nan ceanglaichean eadar na ceumannan dannsa aca agus òrain Ghàidhlig agus bidh na pìobairean a’ sgrùdadh a’ cheangail làidir eadar ceòl mòr agus òrain Ghàidhlig. Tha seo a’ leigeil le daoine barrachd tuigse fhaighinn air na dualchasan fa-leth, agus mar a tha iad a’ ceangal ri chèile.

Tha an sealladh aig an sgoil gu math sìmplidh ach tha e uamhasach fhèin èifeachdach:

  1. Bu chòir dha na h-oileanaich a bhith comasach anns a’ chiad chuspair aca
  2. Dh’fhaodadh an dàrna cuspair a bhith ùr dha na sgoilearan. Tha e cudromach ge-tà, leis gu bheil barrachd eòlais air raon eile a’ toirt barrachd tuigse air na ceanglaichean eadar pàirtean eadar-dhealaichte dhen chultar againn.
  3. Tha teagasg na Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig cudromach dhuinn cuideachd. Faodar Gàidhlig a thaghadh a-nis mar phrìomh no dàrna cuspair le clasaichean ann do luchd-tòiseachaidh agus ìre Eadar-mheadhanach.  Tha farsaingeachd de dh’òraidean air an tabhann gus barrachd eòlais a thoirt dhaibhsan a tha fileanta. Tha seo ann gus barrachd tuigse a thoirt do dhaoine air buaidh na Gàidhlig air òrain agus dannsa.

Comments are closed.

post to Facebook tweet this post to Stumbleupon save to delicious save to digg save to posterous save to linkedin