Neach-Ealain na Bliadhna 2011

Cheumnaich Mìcheal Felix Gilfedder à Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 1970 agus an dèidh dha bliadhna iar-cheumnach a dhèanamh aig Colaiste an Fhoghlaim ann an Cnoc Iòrdain bha e a’ teagasg airson 5 bliadhna ann an dà àrd-sgoil. Ann an 1977 ghluais e a dh’Uibhist a Deas gus ealan a theagasg ann an Sgoil Dhalabroig agus an dèidh sin bha e a’ teagasg ann an còig bun-sgoiltean agus ann an aon àrd-sgoil dà bhliadhnail. Ann an 2008 leig e dheth a dhreuchd bho bhith a’ teagasg làn-ùine agus tha e a-nis a’ cur seachad na h-ùine le beagan teagaisg nuair a thèid iarraidh air agus cuideachd le bhith ri obair ealain. Tha e pòsta ri tè Bhaoghlach agus tha ceathrar de theaghlach aca.

Aig an sgoil ealain bha ùidh shònraichte aig Mìcheal ann an ìomhaighean agus glainne daithteach, agus mar sin chan eil e na iongnadh gu bheil iarraidh air gus obair ealain a dhèanamh ann an eaglaisean. Bidh e cuideachd a’ dèanamh dhealbhan de sheallaidhean agus sgrìobhadh ealaineil sònraichte.

Fhad ’s a bha e a’ teagasg, bhiodh Mìcheal a’ dèanamh feum mhòr dhen stòras bàrdachd, laoidhean agus orthachan a bh’ ann an Carmina Gadelica, an cruinneachadh a rinn Alasdair Mac ’IlleMhìcheil bhon bheul-aithris air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Thug seo iomadh raon obrach dha na sgoilearan le bhith a’ coimhead rudan leithid an àrainneachd, feallsanachd agus spioradalachd. Ann an 1998 chaidh taisbeanadh le obair nan sgoilearan agus obair Mhìcheil fhèin, stèidhte air na cuspairean sin ann an spioradalachd Ceilteach, air chuairt air feadh na dùthcha. Chaidh an taisbeanadh an toiseach dhan Lanntair ann an Steòrnabhagh agus an uairsin gu abaid Chille Chuimein airson trì mìosan. Bho sin chaidh e airson mìos gu gailearaidh Netherbow air Sràid Àrd Dhùn Èidean, an togalach aig Eaglais na h-Alba far a bheil Ionad nan Sgeulachdan a-nis. B’ ann gu Sgoil Sràid na h-Alba ann an Glaschu a chaidh e an dèidh sin agus bha e an sin airson trì mìosan cuideachd.

Bha an taisbeanadh ann am prògram telebhisean agus air Rèidio nan Gàidheal le Raghnall Mac ’IlleDhuibh bho Oilthigh Dhùn Èidean a’ toirt iomradh air. An uairsin, dh’iarr Eaglais na h-Alba air Mìcheal taisbeanadh dhen obair aige fhèin a dhèanamh mu dhèidhinn  spioradalachd Ceilteach. Chaidh tè dhe na dealbhan a cheannach leotha agus tha i a-nis ann an Ionad nan Sgeulachdan.

Tha obair Mhìcheil air a bhith air a taisbeanadh air feadh nan Eileanan Siar agus ann an Lunnainn le buidheann de Luchd-ealain Caitligeach. Chan eil ìomhaighean Mhìcheil ach air an dèanamh nuair a thèid iarraidh air agus tha an obair aige fhèin a-nis air gluasad gu bhith na measgachadh de dh’ìomhaighean agus sgrìobhadh ealaineil am measg rudan eile.  Chithear obair Mhìcheil fad na seachdain ann an Talla a’ Chidhe ann an Loch Baghasdail agus faodaidh duine sam bith coimhead air a’ chuid obrach no bruidhinn ri Mìcheal fhèin. Tha Ceòlas uamhasach fhèin toilichte gu bheil Mìcheal againn mar Neach-Ealain na Bliadhna airson 2011.

Comments are closed.

post to Facebook tweet this post to Stumbleupon save to delicious save to digg save to posterous save to linkedin