Feallsanachd

’S e sgoil-shamhraidh air leth a tha ann an Ceòlas le ceanglaichean làidir leis na sgìrean Gàidhealach an dà chuid ann an Alba agus ann an Ceap Breatainn. Tha am fiosrachadh seo ga sgrìobhadh mar dhòigh air am buidheann a chumail sònraichte fhad ’s a thathar a’ gluasad air adhart gu leasachaidhean eile. Tha Ceòlas ag amas air na cleachdaidhean làidir ath-stèidheachadh eadar ruitheaman làidir na Gàidhlig agus na dòighean dannsa Gàidhealach – leithid dannsa-ceum na h-Alba – agus na h-innealan-ciùil dualchasach ann an Taobh Siar na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. ’S dòcha gur ann anns na puirt aig a bheil faclan cuideachd (puirt-a-beul) a tha an ceangal sin air a thoirt am follais anns an dòigh as motha. Bha na faclan seo a’ toirt buaidh mhòr air na dòighean anns an robh na puirt seo air an cluich air innealan-ciùil.

’S e an dòigh teagaisg iomlan fear dhe na rudan as fheàrr mun sgoil leis gu bheil ceanglaichean air an dèanamh eadar cuspairean fa-leth. Thathar a’ brosnachadh phìobairean gus dannsa-ceum ionnsachadh agus thathar a’ moladh gum feuch dannsairean-ceum inneal-ciùil no puirt-a-beul. Tha seo air a chur an gnìomh leis gu bheil prìomh agus dàrna cuspair aig a h-oile oileanach; agus bu chòir dhaibh tuigse fhaighinn mu na cuspairean agus fiosrachadh farsaing a fhaighinn air an dualchas san fharsaingeachd. Tha an stiùireadh a gheibhear anns a’ chlas cross-over a’ cur ris an seo, agus bidh na h-oileanaich a’ cur air dòigh cuirm anns a bheil na h-earrannan air fad air an riochdachadh. An àite sin, faodaidh na h-oileanaich a dhol gu clas anns nach fheum iad a dhol air an àrd-ùrlar. Anns na clasaichean seo, bidh iad a’ coimhead air na ceanglaichean seo le barrachd stiùireadh agus oideachaidh bhon luchd-teagaisg. Tha clasaichean Gàidhlig cuideachd nam pàirt cudromach dhen sgoil-shamhraidh, agus tha sin a’ toirt barrachd tuigse dha na h-oileanaich air a’ chultar anns a bheil iad air am bogadh.

Curaicealam agus leasachaidh san àm ri teachd

Tha an curaicealam aig Ceòlas air a stèidheachadh air còig prìomh raointean teagaisg:

  1. Òrain Ghàidhlig bhon t-seann-nòs agus puirt-a-beul
  2. Gàidhlig agus na h-ealain (m.e. bàrdachd)
  3. Ceòl Mòr, ceòl clasaigeach na pìoba mòire
  4. Ceòl Beag, ceòl dannsa na Gàidhealtachd
  5. Stoidhlean dannsa Taobh Siar na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, leithid ruidhlichean, quadrilles agus dannsa-ceum Albannach

A thaobh nan clasaichean ann an innealan-ciùil a thathar a’ tabhann aig Ceòlas, tha cuideam ga chur air dòighean traidiseanta air cluich, le ceangal ri ruitheaman na Gàidhlig agus/no dualchas an dannsa. Tha seo eadar-dhealaichte bho dhualchasan dannsa eile (m.e. dannsa dùthchasach Albannach), dannsachan bho sgìrean eile, no dannsa ann an stoidhle clasaigeach no air an deach buaidh a thoirt leis na feachdan. Mar eisimpleir, tha Ceol Mòr air a theagasg mar phàirt dhen dualchas nas fharsainge anns a bheil canntaireachd agus òrain pìobaireachd cuideachd. Tha ceòl beag air a cheangal ri ruitheaman puirt-a-beul agus ris an rud a bha e air a shon bho thùs: ceòl a thoirt airson diofar dhannsaichean Gàidhealach. Ann a bhith a’ coimhead air leasachaidhean san àm ri teachd, tha e cudromach gum bi iad air an stèidheachadh taobh a-steaigh nan còig raointean seo agus gu bheil iad a’ dol a rèir amasan na sgoile.

Tha Ceòlas soirbheachail a chionn ’s gu bheil na clasaichean a thathar a’ teagasg a’ dol cho math le chèile, gun luaidh air na dàimhean a tha air a bhith air an cruthachadh. Tha buaidh aig an seo air rudan taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile, m.e. clasaichean cross-over, cèilidhean taighe, cuirmean feasgair agus seiseanan ciùil. Anns an fharsaingeachd, feumaidh leudachadh sam bith ann an clasaichean a thathar a’ teagasg a bhith: a) iomchaidh dha na traidiseanan ciùil aig Alba agus Ceap Breatain; agus b) a’ cur ri suidheachadh coimhearsnachd na sgoile. Feumar cuimhneachadh cuideachd gu bheil na tha de dh’oileanaich air tighinn chun na sgoile anns na bliadhnachan mu dheireadh air cuideam a chur air na tha de thaighean-aoigheachd agus goireasan còmhdhail a tha ri fhaighinn ann an Uibhist a Deas. Mus bi clasaichean ùr sam bith air an cur air chois, feumar dèiligeadh leis a’ cheist seo.

Cosnadh

Cùmaidh Ceòlas air buidheann luchd-teagaisg a thoirt a-nall à Ceap Breatainn dìreach mar a sinn air a dhèanamh bliadhna an dèidh bliadhna. Bidh an luchd-teagaisg seo a’ toirt an dualchas fhèin leotha – anns a’ bhitheantas, ’s e sin an ceangal làidir eadar puirt agus ruitheaman dannsa na Gàidhlig – rudan a tha air cha mhòr a dhol à bith ann an Alba. Dh’fhaodadh an luchd-teagaisg seo cha mhòr rud sam bith a theagasg, ach tha iad air a bhith an toirt a-nall mar as trice airson dannsa-ceum agus fìdhlearachd. A thaobh luchd-teagaisg à Alba, bidh prìomhachas air a thoirt dhan luchd-teagaisg aig a bheil ceanglaichean làidir ri Uibhist no Ceap Breatainn. Cuideachd, bidh luchd-teagaisg a’ fàgail an dèidh a bhith a’ teagasg airson trì bliadhna.  Dh’fhaodadh iad fuireach airson bliadhnachan a bharrachd mura h-urrainn do luchd-teagaisg iomchaidh eile tighinn ann am bliadhna air choireigin.

Comments are closed.

post to Facebook tweet this post to Stumbleupon save to delicious save to digg save to posterous save to linkedin