Fios

‘S e sgoil-shamhraidh làn de cheòl agus dannsa a tha ann an Ceòlas, tha an sgoil a’ laireachadh teagaisg ealanta ann am pìobaireachd, cluich air an fhidheall, seinn, righlean, Quadrilles, dannsa ceum agus anns a’ chànan Ghàidhlig.  Tha e air a shuidheachadh anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Uibhist a Deas.  Tha Ceòlas a’ rannsachadh na ceangalaichean cudthromach eadar ceòl traidaiseanta Albannach, òrain Ghàidhlig agus dannsa fhad sa tha e cuideachd a’ ceadachadh gu leòr de chothroman airson gun còrd na dòighean ealainn seo le na com-pàirtichean ann an cèilidhean agus anns na dachaighean agus  na h-àiteachan a dh’ àraich iad.

Ged a tha an amais air traidaisean na h-Innse Gall, tha sealladh làidir aig Ceòlas air Ceap Breatainn.  Chaidh cultar Ghàidhlig a thoirt gu Ceap Breatainn (Alba Nuadh, Canada) le cèin-thìrich bhon Ghàidhealtachd faisg air da cheud bliadhna air ais, mhair a’ chultar beò ann an iomhallachas an sin ann an dòigh air choireigin.  A-nis tha Ceòlas a’ toirt cothrom àraid airson a h-uile sian a thillleadh dhachaigh.  Tha cuimhneachan urramach ann de na ceangaileadhean cultarach eadar ceòl, òran agus dannsa, agus ceangal thairis air a’ Chuan Siar.

Comments are closed.

post to Facebook tweet this post to Stumbleupon save to delicious save to digg save to posterous save to linkedin