October 27, 2015

Luchd-Obrach

Mary Schmöller – Manaidsear Leasachaidh agus Oifig

Mary-SchmollerAn dèidh dhi Sgoil Dhalabroig fhàgail, chaidh Mary gu Colaisde Teicnigeach Inbhir Nis son Cùrsa Rùnaire a thoirt a-mach. Bha i ag obair ann an gnothachas nan taighean-òsta son 6 bliadhna ann an Uibhist, Lunnainn, Paris agus Munich. Chaidh i gu Colaisde Trèanad Thìdsearan ann an Eastbourne an dèidh dhi teaghlach a thòiseachadh. Dh’obair i dhan YMCA son 5 bliadhna ann am Foghlam Òigridh. An dèidh sin, bha i ag obair fad 17 bliadhna dhan ùghdarras ionadail ann an Eastbourne, a’ lìbhrigeadh sheirbheisean òigridh. Bha i an urra ri grunn phròiseactan mòra son goireasan do dh’òigridh a leasachadh, a cheart cho math ri seiseanan feasgair thar 4 ionadan a thabhainn. Air cluaineis, thill i do dh’Uibhist dha chruit an teaghlaich agus dh’fhuirich i ann bhon uair sin. Tha i air fastadh le Ceòlas bho 2003 agus i a’ cur gu mòr ri fàs na buidhne.

 

Iain MacDonald – Stiùiriche Ealain

iainportrait’S ann à Gleann Ùige, am Mùideart, a tha Iain, ach tha e a-nis a’ fantail am Beinn na Faoghla agus e air a bhith ag obair do Cheòlas bho 2004 a-mach. ’S e Iain am bràthair a b’ òige de na pìobairean ainmeil Dòmhnallach, agus tha e air a bhith an sàs ann an ceòl agus sna h-ealain fad a bheatha. Thòisich e mar cho-stèidhichear a’ chiad Gaelic Repertory Theatre Co sna Hearradh. Bha e a’ dèanadh dràma agus a’ cluich do chaochladh chompanaidhean agus chòmhlan: 7;84, Ossian, Battlefield Band, Wolfstone, msaa agus e air siubhail thar an t-saoghail leotha. Bha e 6 bliadhna mar Cheòladair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig.

 

Peigi Ann Nic Gille Mhaoil – Rianaire

Thogadh Peigi Ann an Èirisgeidh agus tha i a’ fantail am Frobost, Uibhist a Deas, còmhla ri a duine agus triùir chloinne. Chaidh i gu Colaiste Chaer Dòmhnaill far an do thug i a-mach NC ann am foghlam agus cùram-chloinne. Tha i air a bhith ag obair an Sgoil Dhalabroig fad 11 bliadhna agus tha i ag obair do Cheòlas mar rianaire.

 

 

Liam Alastair Crouse – Oifigear Mheadhanan is Conaltradh Gàidhlig

‘S ann à Rhode Island a tha Liam an tòiseachd agus thàinig e dh’Alba ann an 2008 gus ceum ann an Ceiltis is Arceòlas a thoirt a-mach aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha iar-cheum aige ann am Foillseachadh agus tha e air a bhith ag obair san raon phrìobhaideach agus phoblach, le Bòrd na Gàidhlig eadar 2016-17. Tha eòlas aige air leasachadh Gàidhlig gu nàiseanta agus bidh e ag obair gus meudachadh na h-uireid de Ghàidhlig a th’ air loidhne le Ceòlas agus buidhnean eile an Uibhist. Tha an obair air a mhaoineachadh leis an luchd-maoineachaidh choitcheann againne cho math ri Riaghaltas na h-Alba agus am Prògram Eòrpach LEADER Innse Gall.

 

Sorcha Monk – Oifigear Leasachaidh Dannsa

Tha Sorcha air tilleadh gu Uibhist an dèidh faisg air 15 bliadhna air tìr-mòr. Tha farsaingeachd de dh’eòlas aice thar deagh ùine ann a bhith a’ leasachadh agus a’ ruith phròiseactan dannsa gu proifeiseanta agus sa choimhearsnachd. Bha i mu dheireadh ag obair do Dance House Glasgow na Manaidsear Phrògram. Tha Sorcha os cionn leasachaidhean dannsa aig Ceòlas.

 

Catherine Yeatman – Manaidsear Pròiseict (Cnoc Soilleir)

An dèidh còrr is 25 bliadhna mar ailtire, ghluais mi a dh’Uibhist bho chionn deannan bhliadhnaichean gus poile a chur seachad air a’ chùrsa Ealan UHI, stèidhichte ann an Taigh Chearsabhagh.

Tha mi air cur romham fuireach sna h-eileanan airson mo bheatha agus mo chuid ealain a thoirt air adhart, agus le sin tha mi dèanamh toileachais mhòir ri bhith a’ toirt mo chuid eòlais is sgilean dha sgioba Chnoc Soilleir.

Bidh Catherine stèidhichte ann an LCC, Àrainn Bheinn na Faoghla; 01851 770 516 àireamh-fòin na Colaisde, 07747882622.

 

An t-Oll Rebecca Rennell – Manaidsear Buileachaidh (air fòrladh màthaireil)

RebeccaThòisich Rebecca aig Ceòlas an 2013 gus an t-ionad ùr do Cheòlas a thoirt gu buil, ann an co-bhonn ri Colaiste a’ Chaisteil OGE.

Tha an t-Oll Rennell a’ fantail an Uibhist a Deas agus tha i cuideachd na h-òraidiche an arc-eòlas do OGE, stèidhichte ann am Beinn na Faoghla.

Thug Rebecca ceum dotaireachd a-mach bho Oilthigh Colaisde Lunnain, far an d’ rinn i BA agus MA ann an arc-eòlas. B’ e cuspair a cuid rannsachaidh sgrùdadh den chruth-tìre chultarail eadar Barraigh ’s an Rubha Robhanais.