October 27, 2015

Bòrd-Stiùiridh

Màiri T NicAonghais, Cathraiche

‘S i cathraiche Ceòlas Màiri T NicAonghais, agus tha iomadh dreachd air a bhith aice sa choimhearsnachd a’ buntainn ri foghlam, a’ Ghàidhlig, agus ionnsachadh inbheach. ‘S i bana-mhaighstir Sgoil an Iochdair, na riochdaire am buidheann Riaghaltas na h-Alba Gaelic Learners in the Primary School, ball de 1+2 language learning in the Western Isles, oide airson trèanadh luchd-obrach le Foghlam Alba, aon de na prìomh bhuill an Uist Core Learning Group, agus tha eòlas farsaing aice ann an leasachadh coimhearsnachd. Tha Màiri air a bhith na ball de na bùird aig grunn bhuidhnean ann an Alba, leithid Comhairle Ealan na h-Alba agus MG Alba. Bha i cuideachd na ball de chomataidh Co-chomunn an Iochdair agus Talla an Iochdair, ball tùsail aig Cothrom Ltd agus Fèis Tìr a’ Mhurain. Tha i air bòrd Bhòrd na Gàidhlig.

Pauline NicDhòmhnaill

Tha Pauline air a bhith an sàs ann an Ceòlas fad 15 bliadhna. ‘S i aon de na prìomh thidsearan-ciùil ann an Sgoil Lìonacleit, agus bha i a’ teagasg ann am Barraigh agus Vancouver. Tha i na ball, tè-stiùiridh, agus oide le Còisir Eaglais Chaitligeach Earra-Ghàidheal agus nan Eilean, cluicheadair orgain agus tè-stiùireadh na còisire ionadail san eaglais agus chuidich i gu bhith stèidheachadh Còmhlan-Pìob Sgoil Lìonacleit. Bha Pauline na ball de grunn bhuidhnean coimhearsnachd a’ gabhail a-steach: Comhairle Pàrant Sgoil Dhalabroig, Gleus Community Music Group, Co-chomunn an Iochdair agus Talla an Iochdair.

Iseabail NicDhòmhnaill

Bha Iseabail ag obair fad 25 bliadhna mar Àrd-Mhanaidsear Leasachadh Eaconomaigeach do IGE, ag obair sna h-eileanan eadar Beàrnaraigh na Hearradh agus Bhatarsaigh. Ged a leig i dhì a dreuchd, tha i air a bhith an sàs ann an iomadh phròiseact thar nam bliadhna, bho stèidheachadh chompanaidhean beaga gu leasachaidhean mòra, a’ faotainn eòlas ann an leasachadh eaconomaigeach agus sòisealta sna h-Eileanan Siar. Tha Iseabail na Stiùiriche do Chothrom Ltd, cathranais ionadail a bhios a’ cur chothroman trèanaidh air dòigh don choimhearsnachd, a’ ruith cròileagan Gàidhlig, agus a tha a’ fàs gnìomhachas ath-chuairteachaidh. Tha i na ionmhasair do dh’Eaglais na h-Alba an Uibhist a Deas.

Catrìona Nic an t-Saoir

Tha Catrìona aithnichte mar phrìomh thidsear na Gàidhlig ann an Alba le a bliadhnaichean fada de dh’obair agus eòlas. ‘S i am ball as ùire den Bhòrd-stiùiridh, air dhi tilleadh dhachaigh do dh’Uibhist. Tha Catrìona air a bhith ag obair gu cunbhalach le Ceòlas mar thidsear Gàidhlig ri linn na sgoil-samhraidh fad na 6 bliadhna mu dheireadh. Tha ceangal fada aice ri Sabhal Mòr Ostaig agus bidh i ag obair mar thidsear solarachaidh Gàidhlig ann an sgoiltean nan Eilean Siar. Bha Catrìona na cathraiche air Fèisean nan Gàidheal fad grunn bhliadhnaichean. Chaidh a thoirt a-steach dhan Trad Hall of Fame.

Maighread Walker

Tha Maighread a’ toirt beairteas de dh’eòlas gnìomhachais do bhòrd Ceòlas. Mar thè-gnìomhachais thar 20 bliadhna, bha Maighread os cionn oifig a’ phuist an Dalabrog bho 1994 a-mach. Mar thoradh air an obair aice, tha an oifig-phuist aig teas-meadhain na coimhearsnachd ionadail agus na ghnìomhachas seasmhach làidir. Tha i gu math aithnichte sa choimhearsnachd. Tha Maighread air a bhith an sàs ann an Ceòlas bho thòiseach tòiseachaidh, agus tha a’ choimhearsnachd glè thaiceil rithe.

Dòmhnall Iain Dòmhnallach

Tha Dòmhnall Iain na einnseanair aig Comhairle nan Eilean Siar.  Bha e ag obair do chompanaidh comhairleachaidh einnseanairidh ann an Glaschu, agus cuideachd do J. J. MacDonald Contractors ann an Uibhist. Thar an 10 bliadhna aig a’ Chomhairle, tha dleastanas air a bhith aige don obair mhòr càraidh bho sgrìos stoirmean, a’ gabhail a-steach leasachaidhean na Fadhlach a Tuath, agus Sgeamaichean Dìona Còrsa Uibhist & Bharraigh. Tha Dòmhnall Iain na Stiùiriche air SURE (Neart Ath-nuadhachail Uibhist a Deas). Tha e na bhall de Chomataidh Coitchinn Ghèirinis agus buidhnean coimhearsnachd leithid Guthan an Iar.

Róisín King

Is e ceòladair Èireannach aig a bheil a’ Ghàidhlig Èireannach a th’ ann an Róisín. Rinn i Ceòl agus Eachraidh Ealain is Ailtireachd aig Colaiste na Trianaid ann am Baile Àtha Cliath. Tha i na h-òraidiche aig Colaiste a’ Chaisteil UHI air Àrainn Bheinn na Faoghla. Bha i aig Oilthigh Luimneach ag obair mar òraidiche ann an Teicneòlas Lèir-chlaisneach (Audiovisual). Roimhe sin, bha Róisín ag obair airson grunn bhliadhnaichean ann am fiolm is telebhision a’ dèanamh iar-riochdachadh aig ReelGood Studios, Windmill Lane Pictures agus Inflight Audio far an do dh’obair i còmhla ri Tasglann Nàiseanta Chlàran agus Tasglann Theàrlaich Parker. Tha teisteanas sònraichte aige airson Sgrìobhadh chiùil do dh’Fhiolm agus TV bho Cholaiste Chiùil Berklee agus i a-nise a’ ruith cùrsa ùr Fuaim is Lèirsinn – a’ teagasg sgrìobhadh chiùil do dh’fhiolm.

Lauren Mhoireastan

‘S ann à Farrais, Moireibh, a tha Lauren. Thàinig i a dh’Uibhist ann an 2013, an dèidh 7 bliadhna ag obair na tìdsear eachdraidh agus nua-eòlas ann am Moireibh agus Lodainn an Iar. Tha i na prìomh-thìdsear air na Cuspairean Sòisealta aig Sgoil Lìonacleit ann am Beinn na Faoghla. An dèidh dhi crìoch a chur air PgDip Bogadh Gàidhlig do Thìdsearan (GIfT) aig Oilthigh Shrathchluaidh, thòisich Lauren air na cuspairean sòisealta a theagasg tron Ghàidhlig san Lùnastal 2017. Tha i na saor-thoileach airson Meantor Uibhist is Bharraigh. Fhuair i urram airson a h-obrach le Lìonra Meantoran na h-Alba san t-Samhain 2016. Tha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Uibhist.

Iseabail Dhòmhnallach

Tìdsear mar dhreuchd agus cruitear mar chleachdadh. Ball de Bhuidheann Smachdachaidh nam Fiadh ann an Uibhist. Rannsaiche san sgioba ionadail air an tinneas Lyme. Pìobaire agus eòlaiche-dualchais bhon teaghlach MhicMhuirich. Pàrant agus ball sgairteil den choimhearsnachd.