October 27, 2015

Mar Deidhinn

‘S ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a tha Ceòlas air a fhreumhachadh agus e na fhaileas de dhùthchas nan Eilean Siar. Tro cheòl agus fhoghlam, bidh Ceòlas a’ mealtainn agus ag àrdachadh cultar agus dualchas Gàidhlig an eilein, a bharrachd air ceanglaichean làidir diaspora na Gàidhealtachd.

Bho chaidh a stèidheachadh ann an 1996 le Hamish Moore, tha Ceòlas air fàs bho sgoil chiùil is dhannsa fad-seachdain gu bhith aon de na prìomh bhuidhnean airson cultar, dualchas agus ealain na Gàidhlig ann an Alba. Bidh sinn ag obair gus dìleab shònraichte an eilein a ghlèidheadh agus a bhrosnachadh.  Tha ar ceòl, cànan, agus cultar na dhualchas beairteach prìseil a tha a’ seasamh gu daingeann agus tha Ceòlas gu dealasach ag aiseag ar dìleib chun an ath ghinealaich. 

Tha Ceòlas a’ fastadh sianar luchd-obrach fo sgèith bòrd-stiùiridh de dh’ochdnar, le taic bho chomataidh coimhearsnachd. Thathar an-dràsta an sàs ann am pròiseact mòr co-oibreachail còmhla ri Colaisde a’ Chaisteil UHI, gus ionad aig Cnoc Soilleir, Dalabrog, a stèidheachadh airson ceòl na Gàidhlig, dannsa is dualchas.

Mar aithneachadh air na thathar a’ cur ri eaconamaidh agus coimhnearsnachd na sgìre, chaidh Ceòlas ainmeachadh airson grunn duaisean:

  • An Crannchur Nàiseanta Good Causes Award (Geàrr-liosta na Rìoghachd Aonaichte 2016).
  • MG Alba & Daily Record An Duais Ealais & Chultarach (Geàrr-liosta 2016).
  • MG Alba & Daily Record An Duais Eadar-nàiseanta airson ar n-inbhe agus ar n-oibre eadar-nàiseanta (Buannaiche 2015).
  • Bòrd na Gàidhlig & Daily Record Gàidhlig mar Sho-mhaoin Eaconamaigeach (Buannaiche 2014)
  • MG Alba & Daily Record Duais Eadar-nàiseanta na Gàidhlig airson Ceòlas EOST (Geàrr-liosta 2013)
  • Duais Thistle na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Turasachd Culturail (Geàrr-liosta 2012)
  • MG Alba Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna (Buannaiche 2008)

Nam bu toil leibh taic a chumail rinn gus gnothaichean a chur air dòigh a thaobh ceòl na Gàidhlig, dannsa agus dualchas, air neo ar n-ionad airson Uibhist, biomaid a’ cur fàilte air tabhartasan beag na mòr.

header