Mar deidhinn

’S ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a tha Ceòlas air a fhreumhachadh agus e na fhaileas de dhùthchas nan Eilean Siar. Thar nam fichead bliadhna a dh’fhalbh, tha Ceòlas air a bhith na phàirt de dh’ath-bheothachadh cultarail agus sòisealta an Uibhist. Tro cheòl agus fhoghlam, bidh Ceòlas a’ mealtainn agus ag àrdachadh cultar agus dualchas Gàidhlig an eilein, a bharrachd air ceanglaichean làidir diaspora na Gàidhealtachd.

Bidh sinn ag obair gus dìleab shònraichte an eilein a ghlèidheadh agus a bhrosnachadh.  Tha ar ceòl, cànan, agus cultar na dhualchas beairteach prìseil a tha a’ seasamh gu daingeann.

Tha Ceòlas gu dealasach ag aiseag ar dìleib chun an ath ghinealaich. Bho chaidh a stèidheachadh ann an 1996, tha Ceòlas air fàs bho sgoil chiùil is dhannsa fad-seachdain gu bhith aon de na prìomh bhuidhnean airson cultar, dualchas agus ealain na Gàidhlig ann an Alba.

Mar aithneachadh air na thathar a’ cur ri eaconamaidh agus coimhnearsnachd na sgìre, chaidh Ceòlas ainmeachadh airson grunn duaisean:

  • MG Alba Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna (Buannaiche 2008)
  • MG Alba & Daily Record Duais Eadar-nàiseanta na Gàidhlig airson Ceòlas EOST (Geàrr-liosta 2013)
  • Bòrd na Gàidhlig & Daily Record Gàidhlig mar Sho-mhaoin Eaconamaigeach (Buannaiche 2014)
  • MG Alba & Daily Record An Duais Eadar-nàiseanta airson ar n-inbhe agus ar n-oibre eadar-nàiseanta (Buannaiche 2015).

Àireamh Charthannais: SC031179
Àireamh Chompanaidh: SC216090

header