Oifigear Leasachadh Curraicealaim gus tòiseachadh

19th An Lùnastal 2019

Thèid na cùrsaichean Gàidhlig a thabhainneas Ceòlas Uibhist a leudachadh san ùine air thoiseach le fastadh dreuchd ùr.

Bidh Fionna Halliday, tidsear Beurla aig ìre na h-àrd-sgoile a chrìochnaich am prògram STREAP aig Sabhal Mòr Ostaig am bliadhna, a’ tòiseachadh mar Oifigear Leasachaidh Curraicealaim aig a’ bhuidheann. Tha an obair ga maoineachadh son dà bhliadhna le Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba.

Bho 2013, tha Ceòlas air fàs a thoirt air na th’ ann de chùrsaichean a bhios gan ruith ann an Uibhist, le corra seachdain de bhogadh gach bliadhna. Bho 2015, tha Ceòlas air prògram ionnsachadh na Gàidhlig sa choimhearnsnachd a lìbhrigeadh an cois an teisteanais iar-cheumnaich Bogadh Gàidhlig do Thidsearan (GIfT) aig Oilthigh Shrathchluaidh.

Bidh an dreuchd seo cudromach do leasachadh Cheòlais san fharsaingeachd leis mar a tha teagaisg na Gàidhlig a’ fàs nas follaisiche ann an obair na buidhne. Thèid cliù Cheòlais mar sholaraiche bogadh Gàidhlig àrdachadh le leudachadh chùrsaichean aig caochladh ìrean aig àm far a bheil obair-togail air Cnoc Soilleir gus tòiseachadh.

’S e cànan làitheil, mar a tha e ga bhruidhinn ann an coimhearsnachd Uibhist, stèidh nan cùrsaichean. Bidh eòlas tradaiseanta a-mach air àrainneachd, dùthchas agus cànan aig teas-meadhan an ionnsachaidh.

Tha dùil gun cuidich fàs nan cùrsaichean bogaidh, a tha freumhaichte ann an aon de na coimhearsnachdan as treasa sa Ghàidhlig san t-saoghal, ri bhith a’ coileanadh amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Thuirt Fionna Halliday: “Tha mi glè thoilichte an obair seo fhaighinn agus tha fiughair orm tòiseachadh ann an coimhearsnachd a tha cho làn Gàidhlig, ciùil agus cultair.”

Chuir Mary Schmöller, Manaidsear Leasachaidh aig Ceòlas, fàilte air Fionna, ag ràdh: “’S e obair inntinneach a bhios seo, ag obair còmhla ri coimhearsnachd Uibhist gus goireasan agus cùrsaichean ùra a dhealbhadh stèidhichte air eòlas tradaiseanta nan daoine agus tha mi cinnteach gun còrd i ri Fionna. Bidh an obair cuideachd a’ togail air an t-soirbheachas a th’ air a bhith ann dhuinn anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh.”

Thuirt Bòrd na Gàidhlig: “’S e am prìomh amas anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean agus tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ‘s tha coimhearsnachdan eileanach gus cothrom a thoirt do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, a dhol gu bhith nan luchd-cleachdaidh misneachail.  Bidh an dreuchd ùr seo aig Ceòlas a’ cur ris an amas seo gu mòr.”