Leabhran-iùil ùr do dh’Oighreachd Uibhist a Deas

21st An Cèitean 2019

Dh’fhoillsich Ceòlas leabhran ùr dà-chànanach sam bheil clàr-làraichean dualchais agus arc-eòlais ann an Oighreachd Uibhist a Deas (Èirisgeidh gu Beinn na Faoghla).

Tha an leabhran-iùil seo a’ tarraing fiosrachaidh mu chultar, dualchas agus arc-eòlas Paraiste Uibhist a Deas.

Chaidh an leabhran seo a sgrìobhadh agus a dhearbhadh le àireamh de dhaoine às a’ choimhearsnachd. Tha e a’ tarraing fiosrachaidh à sgrùdaidhean arc-eòlais, leabhraichean beul-aithris, agus sgeulachdan an latha an-diugh.

Tha e a’ toirt iùil ghoireasach fhosgailte air cuid de na rudan as prìseile mu na h-eileanan, agus farsaingeachd mhòr chuspairean a’ sìneadh eadar a’ SS Politician, sgeulachdan MhicMhuirich Mhòir, pìobaireachd, carraighean, tuineachadh Lochlannach is eile.

Cruth: A5, clò-bhuailte
Faid: 64td
Foillsichear: Ceòlas Uibhist
RRP: £5
Gnè-litreachais: Turasachd, ùidh sgìreil