Cnoc Soilleir a’ faighinn maoin mhòr

30th Am Màrt 2019

Air a’ mhìos sa chaidh, chomharraicheadh clach-mhìle ùr do Chnoc Soilleir, iomairt chompàirteachaidh eadar Colaiste a’ Chaisteil UHI agus Ceòlas Uibhist gus ionad foghlam, Gàidhlig agus nan ealain a stèidheachadh.

Chaidh £1.8m a bhuileachadh air a’ phròiseact bho Mhaoin Ath-leasachaidh Riaghaltas na h-Alba (RCGF). Dh’ainmich Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) duais £1.1m cuideachd mu choinneamh na h-obrach-togail.

Tha na duaisean mòra seo a’ cur ris na fhuaireadh mar-thà bho Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal agus 500 Chnoc Soilleir, agus a’ fàgail gu bheil còrr is 95% den mhaoineachadh uile ann don Chiad Earrann. Tha am pròiseact cuideachd air taic fhaighinn bho Stòras Uibhist, comhairlichean agus luchd-poileataigs ionadail, Eaglais na h-Alba agus Alba Chruthachail, agus e air fàs à 20 bliadhna de cho-obrachadh eadar LCC agus a’ choimhearsnachd nas farsaing.

An cois a’ Chiad Earrainn, a thòisicheas nas fhaide dhen earrach air an làrach ann an Dalabrog, Uibhist a Deas, bidh seòmraichean-teagaisg, leabharlann agus ionad-ghoireasan, dà oifis, stiùidio-clàraidh agus àite-cruinneachaidh. Thèid an t-ionad a thogail a rèir ìre PassivHaus agus bidh lùth-èifeachdas ann cho math ri cosgaisean-ruith agus eimiseanan CO2 lughdaichte, agus sin a’ cur ri so-sheasmhachd àrainneachdail agus eaconamach an togalaich.

Stèidhichidh an t-àite cridhe ùr do cheòl, cultar agus dualchas nan Gàidheal, anns am bi cothrom air foghlam foirmeil agus neo-fhoirmeil cho math ri tachartasan cultarail don choimhearsnachd agus an luchd-tadhail.

Bidh comas-fàis a bharrachd ann do dh’eaconamaidh na Gàidhlig ann an sgìre a tha fìor-chudromach do leasachadh na Gàidhlig ann an Alba agus thèid Uibhist àrdachadh mar àite far an togradh daoine fuireach ann. Thèid an sgìre, a tha air a bhogadh ann an dualchas prìseil, a leasachadh mar àite-ionnsachaidh do dh’oileanaich, a’ choimhearsnachd agus an luchd-tadhail.

A-nise is gu bheil maoin a’ Chiad Earrainn air a chomharradh, bidh obair gus maoin dhan Dàrna Earrann a thogail, sam bi talla agus goireasan dannsa, a’ greasad oirre.