Moladh Uibhist | 3-5 Cèitean

27th Am Màrt 2019

Sealladh film Solas/Sòlas: ’s e film-aithriseach ealain, air a riochdachadh le Fiona NicCoinnich, an tasglannaiche NTS ann an Canaidh, a th’ ann an Solas/Sòlas, a’ taisbeanadh na beatha agus saothrach aig Mairead Fay Sheathach, a’ cleachdadh na guth aice fhèin agus aig Magda Sagarzazu, a caraid. Tha am film a’ cur a cuid dhealbhan fhèin à Uibhist a Deas, Barraigh is Canaidh gu feum, ag aithris air dòigh-beatha Ghàidhealach nach eil beò a-nise. Tha am film a’ gabhail a-steach ceòl ùr leis an Leòdhasach Seumas Donnchadh MacCoinnich, a’ cleachdadh tasglann fuaime Fhir Chanaigh agus filmichean Mairead mar bhrosnachadh. ‘S e seo a’ chiad sealladh den fhilm ùr seo, le taic bho Urras nan Stàitean Aonaichte aig an NTS.

Seòladh leabhairEilean‘: tha mu 200 de na dealbhan a b’ fhèarr agus a bu phearsanta a thog Mairead Fay Sheathach sna h-Eileanan – cruinneachadh de 9,000 dealbh uile-gu-lèir – a th’ anns an leabhar ùr seo a thàinig bho chruinneachaidhean Taigh Chanaigh, far an robh i fhèin agus a duine, Iain Latharna Caimbeul, a’ fuireach fad 60 bliadhna. Tha sgeulachdan is litreachan a’ cur fiosrachadh a bharrachd ris na dealbhan, air a rannsachadh le Fiona NicCoinnich  agus le facal-tòisich le Magdalena Sagarzazu, seann tasglannaiche cruinneachadh Maireid.

DihAoine 3/5
7f Urras Nàiseanta na h-AlbaFiolm ‘Solas/Sòlas’ anns an Talla Naomh Pheadair, Dalabrog

Dannsa Teaghlaich, Talla Naomh Pheadair gu 10f le Ailean Henderson & Co.

DiSathairne 4/5
1f  Cur-air-bhog leabhair Eileantaigh-tasgaidh Chill Donnain

2:30-4f Bùth-obrach le Jo NicDhòmhnaill, Cill Donnain £10

2-4f Bùth-obrach dannsa le Nic Gareiss, Talla Naomh Pheadair £10

4:30-6f Bùth-obrach le Fiona NicCoinnich, Cill Donnain £10

7:30f Cuirm-dannsa le Nic Gareiss, Talla Naomh Pheadair £5

DiDòmhnaich 5/5
2-4f – Bùth-obrach dannsa le Nic Gareiss, Talla an Ìochdair, £10

2-3:30f Cearcaill nan Òran & Puirt, Taigh-cèilidh Ghèirinis, £10

4-5f Dannsa is Ceòl, Talla  an Ìochdair

 

Chì sibh a’ bhileag shlàn an seo.