‘Chì Mi’: Dòmhnall Iain Dhonnchaidh: 2/2/19

8th Am Faoilleach 2019

Comharraichidh Ceòlas 100 bliadhna on rugadh aon de na bàird a b’ fhèarr san 20mh linn.

Rugadh Dòmhnall Iain Dhonnchaidh air 7mh den Ghearran, 1919 ann am Peighinn nan Aoireann, an Uibhist a Deas. Thogadh e ann an teaghlach agus coimhearsnachd a bha a’ brùchdadh le dualchas, seanchas, òran is ceòl nan Gàidheal, agus lean e air san aon dòigh agus e am measg nam bàrd Gàidhlig a bu thàlantach san 20mh linn.

Chì Mi

Air DiSathairne, 2 den Ghearran, bidh Ceòlas a’ cur fàilte oirbh beatha agus saothar Dhòmhnaill Iain Dhonnchaidh a chomharrachadh còmhla rinn.

Tòisichear le aifreann ann an Eaglais Bhornais le cuid de na laoidhean a rinn e (11m). Bidh suipear & tì ann an Talla Staoinebrig (meadhan latha). Ma tha sìde mhath innte, bheir sinn cuairt mumu thimcheall Shnaoiseabhail agus mun tìr a thug buaidh cho mòr air a’ bhàrdachd aige (1:30f). Bidh Iseabail T Dhòmhnallach, a chuir ceòl ri iomadh pìos a rinn Dòmhnall Iain, a’ bruidhinn air saothar a’ bhàird agus stòras prìseil a’ bheòil-aithris a bh’ aig an teaghlach, ann an Talla Staoinebrig (3f; Beurla).

Aig 7:30f, bidh consairt ann an Talla Staoinebrig le ceòladairean is seinneadairean Uibhisteach, a’ gabhail a-steach Iseabail T, Catrìona Garbutt, Ruairidh Gray, Màiri Nic ‘IlleMhaoil, Shona NicIlleFhaolain, an teaghlach agus daoine eile às an sgìre, gus a latha-breith a chomharrachadh.