Fèis Chullaig a’ fàs na treasamh bliadhna

7th Am Faoilleach 2019

Bha an ùine eadar an Nollaig agus Oidhche na Bliadhn’ Ùire air a lìonadh le tachartasan Cheòlais ann an Uibhist. A-nise na treas bliadhna, bha Fèis Chullaig a’ toirt na coimhearsnachd cothrom cruinn còmhla an cois prògram de dhannsaichean, seiseanan-chiùil agus tachartasan teaghlaich.

Chuir an fhèis fàilte air gach aois, agus ceithir làithean eadar an 28mh chun an 31mh den Dùbhlachd a’ dol ann an tallachan-baile, taighean-òsta agus Loidse Ghróigearraidh.

Am measg bàrr-urraim na bliadhna, bha Trail West a’ cluich ann an Talla an Ìochdair a bha làn gu spreadheadh air DiSathairne, 29mh den Dùbhlachd. Bha cèilidh san t-seana dòigh ann an Loidse Ghróigearraidh a’ tàladh còrr is 30 duine airson feasgar snog de bhiadh, deoch is ceòl Uibhisteach leis an leithid Màiri Nic’IlleMhaoil, Calum Anthony Peutonach, Alana NicAonghais & Iain Dòmhnallach, Chloe Steele agus Kilphedar Sounds.

Bha seiseanan-chiùil a’ dol anns Am Politician, Taigh-òsta a’ Bhorrodail agus Loch Baghasdail, cho math ri consairt de phìobairean òga ro dhannsa Trail West. Bha ìre tàlaint, agus aodainnean ùra, na chulaidh-brosnachaidh airson pìobaireachd Uibhist is Bharraigh sna bliadhnaichean r iteachd.

Chaidh a’ Chèilidh Teaghlaich a chumail air Oidhche Chullaig fhèin ann an Taigh-òsta Loch Baghasdail le Penny Burgess na bean an taighe. Cho math ri seinn agus dannsa, chaidh an caisean a lasadh agus an Duan Callainn a ghabhail, a’ foillseachadh a’ chleachdaidh àrsaidh seo do luchd-amhairc ùìr.

Bu mhath le Ceòlas taing a thoirt don luchd-mhaoineachaidh, Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, HIE agus CnES, cho math ri Stòras Uibhist, Loidse Ghróigearraidh, Taigh-òsta Loch Baghasdail, Taigh-òsta a’ Bhorrodail, Am Politician, Talla an Ìochdair, Talla Choimhearsnachd Èirisgeidh, Talla Staoinebrig, Trail West, Eilidh NicAonghais, Aonghas Caimbeul, Marine Harvest, Penny Burgess, agus gach duine a chluich, a sheinn no a thàinig dha na tachartasan.