Ceòlas am Fìobha: 23/3/19

11th An Dùbhlachd 2018

Tiugainn gu Ceòlas beag ann an Talla Rothes, Gleann Rathais, Fìobha, còmhla ri Buidheann Leasachaidh Gàidhlig Fhìobha.

23 den Mhàrt, 2019

Talla Rathais, Gleann Rathais, Fìobha

2-5f bùthan-obrach; 7-10f cèilidh

Bidh feasgar de bhùthan-obrach, ann an compàirteachas ri Buidheann Leasachaidh Gàidhlig Fhìobha, eadar 2-5f agus cèilidh teaghlaich na dhèidh eadar 7-10f air an oidhche. Bidh clasaichean gan gabhail le cuid den tàlant as fheàrr bhon Ghàidhealtachd, le a’ phìob, an fhìdhealldannsa-ceum, seinn Ghàidhlig agus còmhradh Gàidhlig gan tabhainn.

Bidh clasaichean na pìoba, na fìdhleadh agus na Gàidhlig a’ cur feum air ìre de chomas mar-thà. Thèid an còrr fiosrachaidh air mar a dh’fhaodas glèidheadh agus tiocaidean a cheannachd a sgaoileadh san aithghearrachd. San eadar-àm, cumaibh an latha agus sgaoilibh am fiosrachadh seo ri duine sam bith aig am biodh ùidh.