Tìr nan Òg – 29/11-1/12

26th An t-Samhain 2018

A’ comharrachadh ceòl òigridh ann an Uibhist aig trì cuirmean #yoyp2018.

Cuirmean

Gus bliadhna na h-òigridh a chomharradh, fhuair Ceòlas maoineachadh bho Alba Chruthachail agus Tatù Rìoghail Dhùn Èideann gus tatùthan beaga a chur air dòigh do phìobairean, fìdhlearan, dannsairean agus drumairean, eadar aois 16-25 bliadhna.

Tha mu 20 duine òg à Uibhist air a bhith a’ cur na cuirme ri chèile thar deireadh-seachdain fada an t-Samhain. Bidh cothrom am faicinn aig tachartasan air feadh Uibhist, a’ gabhail a-steach aig cuirm Breabach air 29mh den t-Samhain ann an Sgoil Lìonacleit.