Ainmean-àite Èirisgeidh

21st An t-Sultain 2018

A bheil eòlas agad mu ainmean-àite Èirisgeidh? Bidh Ceòlas a’ dèanamh rannsachadh às leth nam buidhnean Ainmean-Àite na h-Alba agus Scottish Natural Heritage mu na h-ainmean a th’ ann san eilean agus na sgeulachdan co-cheangailte riutha. Eadar seo agus deireadh an t-Sultain, bithear a’ clàradh agallamhan le daoine a tha eòlach mun eilean agus thèid iad a chur am broinn leabhair ùir san t-sreath ‘Ainmean-àite’ le SNH.

Ma tha ùidh agaibh ann, cuiribh fios gu liam@ceolas.co.uk, 01878 700 154, neo thig a-steach dhan oifis!