Symposium Lagh a’ Chladaich

24th An t-Iuchar 2018

’S e pàirt chudromach de chlàr thachartasan an Iuchair a th’ ann an symposium bliadhnail Cheòlais ann an Uibhist, a’ leigeil leis a’ choimhearsnachd a dhol an sàs san dualchas aca fhèin. B’ e stòras a’ chladaich – feamainn gu sònraichte – a bha san amas am bliadhna. Fad ghinealaichean, dh’ùisnicheadh an fheamainn ann an cunntais mhòr de dhòighean, a’ gabhail a-steach gnìomhachas na ceilpe san 18mh agus 19mh linntean.

Ge-tà, dh’fhaodadh leudachadh a’ tighinn air an fheamainn an Uibhist san àm ri teachd, ri linn rannsachadh ùr agus malairt eadar-nàiseanta. B’ e an t-amas gun rachadh na cothroman ùra seo a chnuasachadh fo chomhair eachdraidh ghnìomhachail na sgìre.

Chaidh sreath de dh’òraidean a ghabhail le dithist, Philip Kerrison aig SAMS UHI agus Dr Kevin Grant aig HES, air eachdraidh is arc-eòlas a’ ghnìomhachais ann an Uibhist agus air leasachaidhean a tha dol air feadh an t-saoghail. Chaidh na saidheansan diofrach a chur còmhla ri beul-aithris na sgìre, a’ leigeil le muinntir Uibhist am feamnadh a sgrùdadh bho dhiofar sheallaidhean.

Cho math ris na h-òraidean, chaidh ar toirt air cuairtean chun a’ chladaich le Heather Beaton, RSPB, agus Fiona Bird, ùghdar agus trusaiche-bìdhe. Thugadh cladach Loch Sgioport oirnn DiLuain agus Rubha Thornais faisg air an Dùn san Ìochdar oirnn DiMàirt airson cladaichean an taobh an ear agus an taobh an iar a choimeasadh a thaobh àrainneachd agus biadh. Bha Dr Kevin Grant air ceann cuairt a-mach gu Taobh a Tuath Loch Aoineart gus làraichean gnìomhachas na ceilpe a chomharradh dhuinn cuideachd, far an do dh’fhàg na mìltean tunna de luaithre cheilpe còrsa Uibhist agus mar phàirt de mhalairt mhòr na cruinne.

Bha Màrtainn Mac an t-Saoir a’ cur an leabhair ùr aige, Samhradh ’78, air bhog feasgar DiDòmhnaich. ’S ann mu fhear òg a thàinig a dh’Uibhist ann an 1978 agus a bha a’ clàradh sgeulachdan is naidheachdan bho dhaoine san sgìre. Cho math ris an lainnse, a chaidh a chur air dòigh ann an co-bhann ri Clò Luath, chualas clàraidhean a rinneadh le Màrtainn e fhèin sna 90an, mun fheamainn, mu na ràdaidhean, agus iomadh deagh òran aig Alasdair Mòr. Tha Ceòlas a’ toirt taing do Mhuseum nan Eilean airson cead na clàraidhean a chluich.

Air a’ chuirm phìobaireachd feasgar DiLuain, bha Ailis Sutherland, Ali Hutton, Ross Ainslie agus Jenn Butterworth a’ cluich ann an Talla an Ìochdair. Air an ath fheasgar, b’ i Mòrag Alasdair Mhòir na bean-an-taighe air cèilidh loma-làn, agus sreath de luchd-ciùil tàlantach às an sgìre, cuid mhath dhiubh fo aois 20, a’ dearbhadh cho math ’s a tha ionnsachadh ciùil do dh’òigridh ann an Uibhist.

Dh’fhosgladh an symposium feasgar DiDòmhnaich le aifreann bhliadhnail ann an Eaglais Àird Choinnich san Ìochdar, ga ghabhail le Mgr Mìcheal. Thugadh an symposium gu ceann le seirbheis inntinneach leis an Urr Ishe NicGillEathain ann an Eaglais Thobh’ Mòir.

Fhuaireadh symposium Cheòlais taic fhialaidh aig HIE, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Alba Chruthachail.