Ceòlas a’ falbh a dh’Èirinn is dhan Spàinnt

21st An t-Iuchar 2018

Bha riochdairean bho Cheòlas trang san Iuchar seo agus iad aig Scoil Samhraidh Wille Clancy ann an Sráid na Cathrach, Co Clár, agus aig cruinneachadh HIGA ann an Gasteiz, an Spàinn, cho math ris a’ phrògram bhliadhnail aca.

’S e an sgoil shamhraidh chiùil thradaiseanta as motha ann an Èireann a th’ anns a’ Willie Clancy, leis na mìltean ga frithealadh, agus mar sin bha i a’ toirt deagh chothrom coimeasadh a dhèanamh, cho math ri margaid mhòr eadar-nàiseanta. Dh’fhalbh Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Màiri NicAonghais agus Liam Crouse ann, a’ gabhail pàirt ann an clasaichean dannsa sean-nós is Gàidhlig na h-Èireann agus a’ dol gu consairtean feasgair, agus a’ tachairt ri ceòladairean Uibhisteach is Albannach eile ann. Bha Dòmhnall Iain agus Liam a’ taisbeanadh na dh’ionnsaich iad air a’ chonsairt dannsa sean-nós feasgar DiarDaoin. Bha an turas-malairt eadar-nàiseanta seo ga thaiceadh le Iomairt na Gàidhealtachd & nan Eilean agus Alba Chruthachail.

Bha Liam Crouse, oifigear conaltraidh Gàidhlig aig Ceòlas, cuideachd ann an Dùthaich nam Basgach a’ frithealadh HIGA 2018, an dàrna cruinneachadh cruinneil de luchd-labhairt òga mhion-chànain. Cuideachd a’ riochdachadh na Gàidhlig, bha Eòs Sanders, às leth Oilthigh Ghlaschu. Bha iad am measg 70 luchd-labhairt eile a bhruidhneadh 30 mion-chànain eile, a’ gabhail a-steach Basgais, Sámi, Silesian, K’iche agus eile à còig mòr-roinnean. Thug Liam leis a’ phìob agus bha tòrr co-ionnsachaidh chultarail a’ dol, eadar dannsaichean agus pìobaireachd.

Aig an dà thachartas, chaidh an t-uamhas fhiosrachadh. Dh’fhairich riochdairean Cheòlais gu bheil deagh shuathadh aig an sgoil shamhraidh Uibhist – a tha nas lugha – ris an sgoil Èireannach. Ged a b’ e an sgoil shamhraidh a bu thrainge a-riamh a bh’ aig Ceòlas am bliadhna, thathar an dòchas gun tig fàs san àireamh oileanaich a tha tighinn à dùthchannan cèine.

B’ e amas a’ chruinneachaidh òigridh, a chaidh a chur air dòigh le Comhairle Baile Vitoria-Gasteiz agus Oilthigh Dùthaich nam Basgach, luchd-labhairt òga bho air feadh an t-saoghail a bhrosnachadh agus a chomhairleachadh mu ath-bheòthachadh cànain. Bha na dàimhean eadar suidheachaidhean cànanach nan diofar mhion-shluagh gan sònrachadh, gu h-àraidh a thaobh leasachadh poileasaidh agus reachdais.

B’ e a bhith a’ bruidhinn mu na bha an luchd-labhairt òg air fiosrachadh air leth cumhachdail, agus bha Gàidhlig na h-Alba ann an deagh shuidheachadh an taca ris na cànanan eile air taobh a-muigh na Roinn Eòrpa a tha a’ fulang làmhachas-làidir fhathast air an latha an-diugh. San fharsaingeachd, dhearbh an cruinneachadh gu bheil ginealach òg dealasach ag iomairt an aghaidh dlùth-chruinneas agus crìonadh chànan tùsanach.

[:]