Àireamh as àirde de dh’oileanaich aig an Sgoil Shamhraidh

10th An t-Iuchar 2018

Chuir coimhearsnachd Uibhist fàilte air an àireamh as àirde de dh’oileanaich aig sgoil shamhraidh Cheòlais, air a’ chiad seachdain den Iuchar, 2018. Bha 142 oileanaich an làthair, a’ gabhail chlasaichean ann am pìobaireachd, fìdhlearachd, dannsa, clàrsaireachd, cànan is òrain na Gàidhlig. Bha cuideachd deagh làithearachd an cois a’ chlas ùir a-mach air seanchas Uibhist.

Leis an t-sìde nar fàbhar agus clasaichean loma-làn, bha e a’ ciallachadh gun robh Sgoil Dhalabroig gus a lìonadh fairis le soirbheachas na sgoil samhraidh. Bha Cèilidh Mòr DihAoine ann an Talla a’ Chinn a Deas air a rèic a-mach, gun ach àite seasaimh, agus bha na tachartasan eile air an lìonadh le muinntir na sgìre agus luchd-tadhail. Nuair a thèid Cnoc Soilleir fhosgladh ann an 2020, bidh na dùbhlain seo gam fuasgladh. Bha Dr Alasdair Allan BPA, Iain Mac a’ Mhaoilein agus riochdairean coimhearsnachd eile ann ri linn na seachdain airson ùrachadh fios fhaighinn air mar a tha a’ dol dhan phròiseact.

A bharrachd air clasaichean làitheil, bha dà chuairt ann, aonan le Fiona Bird a’ trusadh bìdhe mun Bhàgh Mhòr air Taobh a Deas Ghleann Dail, agus an tè eile le Liam Crouse agus Ruairidh ‘Poker’ Dòmhnallach à Loch Baghasdail timcheall Cille Choinnich. Bha mu 40 duine an urra. Air chuairt a Chille Choinnich, neo Adhradh-tobhta, bhruidhinn Liam mun phròiseact ùr aig Ceòlas, ag obrachadh ann an compàirteachas ris an Oll Thomas Clancy às Oilthigh Ghlaschu mu chrìostachd thràth ann an Uibhist. Tha co-dhiù a dhà làrach às an linn thràth seo ann an Loch Baghasdail fhèin. Cuiridh am pròiseact seo, a fhuair maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig, làrach-lìn air bhog san Lùnasdail le clàr de na h-ainmean-àite Uibhisteach co-cheangailte ris na naoimh thràtha.

Chaidh a’ chuirm phìobaireachd feasgar DiLuain a chlàradh leis a’ BhBC airson Pipeline agus Crunluath san Lùnasdal. Cho math ris a’ BhBC, bha Mìcheal Klevenhaus a-bhos airson clàraidhean den sgoil shamhraidh a dhèanamh an lùib prògram ùr tbh mun cheangail eadar ceòl Gàidhlig agus Beethoven. Bha dithist ghaisgeach eile a’ tadhail air an 22ra sgoil shamhraidh: Ryno MacIlleMhoire, a bha na fhear-an-taighe air a’ Chèilidh Mhòr, agus Hamish Moore, a thòisich an sgoil ann an 1996.

Thuirt gach aon a bha an sàs an sgoil shamhraidh na bliadhnasa cho math sa bha i. Am measg nam beachdan a fhuaireadh, sgrìobh Shelly Chaimbeul, neach-teagaisg na fìdhle à Ceap Breatainn: ‘Seachdain sgoinneil eile de cheòl, Gàidhlig, gàire agus càirdeas ann an àrainneachd iogantach Uibhist a Deas. Tha Gàidheil bhon dà thaobh den chuan a’ tighinn às an aon stoc, agus tha Ceòlas a’ leigeil leis na bannan sin tighinn còmhla a-rithist. Tha mi air leth fortanach gu bheil an cothrom seo air a bhith agam thar na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Mìle, mìle taing do gach aon a chuir seo air dòigh. ’S e a bhith a’ comharrachadh agus a’ seasamh bòidhchead agus beairteas cànan is cultar nan Gàidheal ri linn seachdain Cheòlais cho prìseil cudromach do dh’Uibhist a Deas, Ceap Breatainn agus saoghal nan Gàidheal. Cumaibh Suas a’ Ghàidhlig!’

Bu mhath le Ceòlas taing a chur chun nam buidhnean-maoineachaidh againn, Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, HIE, Comhairle nan Eilean Siar agus chun na coimhearsnachd, luchd-teagaisg, saor-thoilich agus luchd-taice.