Ceòlas Uibhist a’ faighinn taic bhon Mhaoin Fhosgailte 2018

31st An Cèitean 2018

Dh’ainmich Alba Chruthachail gu bheil Ceòlas Uibhist a’ faighinn taic às a’ Mhaoin Fhosgailte mu choinneamh a’ phrògraim ealain 2018 aca.

Bidh an duais luach £41,180 ga cosg air sreath thachartasan a’ gabhail a-steach na sgoil shamhraidh, symposium dualchais coimhearsnachd, Fèis Chullaig agus fèill ùr litreachais Às an Tobar.

Tha an tabhartas a’ tighinn fa chomhair aon de na bliadhnaichean a bu thrainge a-riamh a th’ air a bhith aig a’ bhuidheann Uibhisteach. Thathar ag ullachadh airson fàilte bhlàth a chur air cuid den luchd-ealain thradaiseanta as fhèarr ann an Alba, an Roinn Eòrpa agus Canada, an leithid Mhàiri Sìne Laomaind, Mats Melin, Choinnich MhicChoinnich agus Shelly Chaimbeil.

“Bidh am maoineachadh a’ leigeil le Ceòlas prògram làidir ealain Ghàidhlig a lìbhrigeadh ann an Uibhist agus nas fhaide a-muigh”, thuirt Mary Schmöller, Manaidsear na h-Oifig.

“Chuir sinn ris na tachartasan diaspora a bh’ againn an-uiridh air a’ Mhachair Ghallta. Am bliadhna, bidh sinn a’ cumail romhainn agus dùil againn ri bhith a’ gabhail pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig (Dùn Èideann) agus Celtic Connections (Glaschu).”

“Bidh luchd-obrach cuideachd a’ falbh a dh’Èirinn gu ruige sgoil shamhraidh Willie Clancy san Iuchar, agus ionnsaichidh sinn mu na dòighean-obrach dà-chànanach a th’ aca-san.”

“Thèid an t-airgead cuideachd a chur gu feum mu choinneamh phròiseactan beaga eile, mar an leabhran dà-chànanach dualchais a bhios ann do mhuinntir na sgìre agus an luchd-turais an ath bhliadhna.”