Ùidh ann an sgoil shamhraidh Cheòlais a’ fàs

Tha an àireamh as àirde a-riamh airson an ama seo den bhliadhna air clàradh airson sgoil shamhraidh Cheòlais. Tachraidh an sgoil shamhraidh ann an Dalabrog air a’ chiad seachdain den Iuchar.

’S ann aig a’ Ghàidhlig a tha an tarraing as motha a-rithist, leis an sgoil suidhichte sa choimhearsnachd as treasa sa Ghàidhlig. A bharrachd air clasaichean Gàidhlig a ghabhas gach oileanach, tha mu leth de na h-oileanaich air clàradh airson clas Gàidhlig. ’S e seo a’ chiad uair a tha clas tro mheadhan na Gàidhlig ga thabhainn, a-mach air seanchas Uibhist, sam bi muinntir na sgìre ag innse naidheachdan às a’ choimhearsnachd.

Tha pìobaireachd agus òrain Ghàidhlig a’ tàladh na h-uireid cuideachd, gu sònraichte am measg sluagh Chanada is Aimeireagaidh. Tha mu thrian de na tha clàraichte bho thaobh a-muigh na Rìoghachd-sa, a’ sealltainn na h-ùidh aig daoine bho air feadh an t-saoghail ann an Ceòlas. Agus tha mu thrian eile nan daoine òga fo aois 25.

Tha a’ bhuidheann air an dòigh leis an àireamh. Thuirt Mary Schmöller, Manaidsear Leasachaidh agus na h-Oifis: “tha e cho math a bhith a’ faicinn iomadach ainm ùr, agus sin a’ dearbhadh gu bheil na tachartasan a nì sinn air tìr-mòr, a leithid Dhùn Èideann san t-Samhain, ag obair. Tha sinn air cur romhainn am prògram againn a thoirt am meud, gus am bi Cnoc Soilleir cho beòthail trang ’s a ghabhas nuair a thig e.”

Tha luchd-teagaisg 2018 a’ gabhail a-steach Ailean Ghlinn Ùige (pìobaireachd); Coinneach MacCoinnich & Sarah Hoy (cluich do dhannsa); Cairistìona Primrose, Raonaid Walker & Màiri Sìne Laomaind (òran Gàidhlig); Sophie NicSteaphain, Frank MacConnaill & Mats Melin (dannsa); Robbie Greig, Ailean MacEanraig, Shelly Chaimbeul & Eilidh Sheathach (fìdheall); Ashley NicDhòmhnaill (pìobaireachd na h-òigridh); Ingrid NicEanraig (clàrsach); Ailig Bhaltos Dòmhnallach, Catrìona Nic an t-Saoir, Catrìona NicIlleDhuibh & Aonghas Iain Dòmhnallach (cànan na Gàidhlig).

This entry was posted in . Bookmark the permalink.