Seirbheis ùr susbainte Gàidhlig le Ceòlas

Tha Ceòlas Uibhist a’ lìbhrigeadh seirbheis ùr Ghàidhlig do bhuidhnean is ghnìomhachasan, a’ tabhainn cuideachadh leis a’ chànan. Tha i ga ruith le Oifigear Conaltraidh na Gàidhlig.

Bidh an t-seirbheis, air a bheil ‘An Runnach’, a’ tabhainn cruthachadh susbaint dhà-chànanach, mar sgrìobhadh, dearbhadh-teacs agus eadar-theangachadh, cho math ri cuideachadh leis na meadhanan sòisealta agus làraichean-lìn. Bidh cuideachadh do bhuidhnean beaga nan eilean san amharc, cho math ri ùghdarrasan mòra, agus thathar a’ tabhainn taic a thaobh buileachadh ghnìomhan nam planaichean Gàidhlig cuideachd.

Tha àireamh de bhuidhnean air an cothrom a ghabhail mar-thà, a’ gabhail a-steach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, nuair a chruthaich iad an goireas didseatach mun Iolaire an-uiridh. Bidh Ceòlas a’ gabhail pàirt sa phròiseact ùr am-bliadhna-sa mu cheòl na Gàidhlig, an lùib na seirbheis seo.

Tha eòlas sònraichte aig Ceòlas Uibhist timcheall air a’ Ghàidhlig, mar a tha i air a cleachdadh ann an coimhearsnachd Uibhist, agus tha cothrom air an eòlas sin ri fhaotainn tron ‘Runnach’. Tha i ga thabhainn an cois nan amasan aig a’ bhuidheann ealain air grìomhan eaconamaidh a thogail timcheall air dualchas na coimhearsnachd.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn air làrach-lìn na seirbheis: www.runnach.co.uk.

Tha an obair Oifigear Conaltraidh na Gàidhlig air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, pròiseact Eòrpach Innse Gall LEADER 2014-20, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE), Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.

This entry was posted in . Bookmark the permalink.