Òraidean na Fèill Brìghde

Mun fhèill Brìde, bidh dà òraid sa Ghàidhlig le Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ‘s e a-mach air dithist den luchd-chruinneachaidh as ainmeile a bha ag obair ann an Uibhist: Alasdair MacGilleMhìcheil agus Marsaili Cheanadach-Fhrìseil.

‘S e Àrd-Òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig a th’ anns an Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, agus bidh e a’ stiùireadh a’ chùrsa MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd an sin. Tha an dà chruinneachadh air am bi e a’ bruidhinn le Ionad Cruinneachaidhean Rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e an sàs gu dlùth ri Pròiseact MhicGilleMhìcheil MhicBhatair agus ann a bhith a’ rannsachadh luchd-cruinneachaidh an 19mh & 20mh linn.

Alasdair MacGilleMhìcheil a’ cruinneachadh ann an Uibhist, 1d latha den Ghearran, 2:30f, Sgoil an Ìochdair. ’S e fear-cruinneachaidh beul-aithris ainmeil a bh’ ann an Alasdair MacGilleMhìcheil, a rinn an leabhar cliùiteach Carmina Gadelica, no Òrtha nan Gàidheal. Fhuair Alasdair iomadach ulaidh phrìseil bho mhuinntir Uibhist a Deas far an robh e ag obair mar ghàidsear eadar 1864 agus 1878. Gu dearbh, chuir e seachad grunn bhliadhnaichean a’ fuireach ann an sgìre an Ìochdair, agus anns an òraid seo bidh Dòmhnall Uilleam a’ bruidhinn mu na caractaran ris an do choinnich Alasdair an sin, agus mu na beannachdan, na h-òrain, agus na sgeulachdan iongantach a chuala e aig muinntir an àite.

Marjory Kennedy-Fraser a’ cruinneachadh ann an Uibhist & Èirisgeidh, 2ra latha den Ghearran, 2f, Talla Coimhearsnachd Èirisgeidh. Ann an 1905, thàinig a’ bhan-sheinneadar ainmeil Marsaili Cheanadach-Fhriseal air chuairt do na h-Eileanan Siar. Ann an Èirisgeidh choinnich i ri Maighstir Ailein Dòmhnallach – agus thuit i ann an gaol ris an eilean agus ris na h-eileanaich. Dà bhliadhna as dèidh sin, thill Marsaili don eilean, an turas-sa le a nighinn agus, còmhla riutha, inneal-clàraidh ùr àraid: an graphophone. Chuireadh an dithist aca seachad dà sheachdain a’ clàradh òrain bho mhuinntir an eilein. Ged a tha feadhainn de na clàraidhean car robach, airson a’ chiad uair ann an còrr agus 100 bliadhna bidh cothrom aig muinntir Èirisgeidh cluinntinn mu mar a chaidh do Mharsaili anns an eilean, agus èisteachd ri guthan an sinnsirean cuideachd.

A bharrachd air an dà òraid seo, bidh bùthan-obrach a’ dol ann an Sgoil an Ìochdair agus Sgoil Dhalabroig ag ionnsachadh dhan chlann mar a nì iad crois Brìghde. ‘S e Màiri Flùraichean a bhios a’ gabhail nan seiseanan sin.

A bharrachd air an luchd-mhaoineachaidh choitcheann againn, tha comharradh na fèill Brìghde a’ faighinn taic-airgid bho mhaoin fhosgailte Alba Chruthachail.