Fèis Chullaig a’ dol aig astar

A-nise na treas bliadhna, tha Fèis Chullaig, air a chur air bhonn le Ceòlas Uibhist, a’ dol bho neart gu neart. A’ ruith eadar an Nollaig agus an Callainn, chunnaic an fhèis, anns a bheil dannsaichean, cèilidhean teaghlaich agus seiseanan ciùil, an àireamh as àirde de dhaoine a’ nochdadh ann. Bhon a chaidh a chur air dòigh an tòiseachd mar sgoil chòmhnaidheach, tha an tachartasan air atharrachadh gu bhith ag amas air a’ choimhearsnachd, a rèir an iarrtais ionadail.

Le prògram a-mach gu sònraichte airson na h-òigridh, thòisicheadh an fhèis le feasgar ealain, sgeulachdan is dannsa ann an Taigh-òsta Loch Baghasdail air an 28mh, agus seisean ciùil thradaiseanta còmhla ri Alana NicAonghais agus Shona Masson na dhèidh.

B’ e Èirisgeidh an suidheachadh airson tachartasan DihAoine, le farsaingeachd thachartasan a’ gabhail a-steach togail shrùbain air madainn car fuar, seiseanan dà-chànanach eile do chlann, cuirm pìobaireachd le oileanaich Iain Ghlinn Ùige agus dannsa ann an Talla Choimhearsnachd Èirisgeidh le Kilphedar Sound.

Cha ghabhadh an Loidse Ghróigearraidh, anns an robh a’ Chèilidh Chullaig feasgar DiSathairne, ris a’ chòrr dhaoine agus mu 50 duine a’ nochdadh airson deochan, hors d’oeuvres maoraich agus ceòl Gàidhealach an tac an teine bhlàith. Lean a’ chèilidh laghadh le dannsa beòthail ann an Talla an Ìochdair, air a lasadh le puirt Trail West, aon de na còmhlain as fhèarr le muinntir Uibhist. Chaith mu 250 inbheach an oidhche a’ dannsa Strip the Willow agus a’ togail an fhuinn ris na h-òrain Ghàidhlig.

Air Oidhche Chullaig fhèin, thàinig teaghlaichean nan dròbhan gu ruige Taigh-òsta a’ Bhorodail airson cèilidh chloinne, far an robh an òigridh thàlantach againn a’ seinn, a’ dannsa agus a’ cluich air a’ bhosga ’s a’ phìob. Fo stiùir Peinidh Burgess ’s i na bean an taighe, thugadh na gillean Cullaig a-steach dhan taigh-òsta. Ghabh iad an duan Callaig agus chaidh grunn chaisean a lasadh, dà sheòrsa à Smercleit agus Èirisgeidh, agus a chur mun cuairt airson beannachadh na Callaig. Thugadh an fhèis gu crìch le seisean ciùil thradaiseanta beòthail.

Fhuair Ceòlas grunn molaidhean airson na fèis, mar: “cleachdannan agus dualchas fìor-Uibhisteach, ag atharrachadh leis na bliadhnaichean, beò slàn dha sean is òg agus làn spòrs! Sibh fhèin a rinn an gnothach air!”

Bu mhath le Ceòlas taing a thoirt don chòrr is 630 daoine a thàinig, cho math ris an fheadhainn a chluich ’s a sheinn. Tha taing shònraichte a’ dol gu Aonghas Nèill Mhòir airson a’ mhaoraich, luchd-obrach Loidse Ghróigearraidh airson cuideachadh leis a’ Chèilidh Chullaig, an luchd-obrach aig Taigh-òsta Loch Baghasdail, Taigh-òsta a’ Bhorodail agus Am Politician, an fheadhainn a chuidich le dannsa an Ìochdair agus Roddy MacÀidh, na Colliers agus Clann Thormoid Eachainn airson nan caiseanan. Bu mhath leinn cuideachd taing mhòr a thoirt do na h-ùghdarrasan poblach airson an taice: Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, HIE agus Comhairle nan Eilean Siar.