Ciad fhèill litreachais Ghàidhlig a’ tarraing sluagh

’S e soirbheachas mòr a bh’ anns a’ chiad fhèill litreachais tron Ghàidhlig ann an Uibhist, ‘Às an Tobar’, a rèir Ceòlas Uibhist, a chuir air dòigh i. A’ ruith eadar 30 Samhain is 2 Dùbhlachd, bha an fhèill a’ taisbeanadh na farsaingeachd de litreachas ga cruthachadh sa Ghàidhlig, an dà chuid le Uibhistich no mu chuspairean Uibhisteach. Bha còrr is 130 duine an làthair thar na fèille.

DihAoine, bha 3 seiseanan ‘Leugh is Seinn’ le Linda NicLeòid, a shiubhal eadar Èirisgeidh, Ormacleit is an t-Ìochdar, a’ toirt an leughaidh cheòlmhor gu clann air feadh Uibhist a Deas. ’S e tachartas a bhrosnaicheas leughadh Gàidhlig do chlann ro-sgoile a th’ ann an ‘Leugh is Seinn’, air a chur air adhart le Comhairle nan Leabhraichean.

Feasgar, an dèidh AGM Cheòlais, bha an lainnse Uibhisteach dhe ‘Forradh: Sly Cooking’, leabhar dealbhaichte de thaghadh de na faclan a chruinnich Mgr Ailein (1859-1905) ann an Èirisgeidh is Uibhist. Bha Catrìona air tighinn às an Òlaind far a bheil i na còmhnaidh, a’ toirt leatha phriontaichean lino a bha rin reic.

Fhuaireadh dàrna cothrom feasgar DhiSathairne air bruidhinn mu na faclan ionmhainn seo, feadhainn a tha fhathast an cuimhne nan daoine. Shuath an còmhradh air faclan àrainneachd leithid ‘bàsadair’ agus ‘sùil-chruthaich’ gu faclan mu dhaoine mar ‘cabag’ – cuideigin a bhruidhneas cus – agus ‘smuig’ – cuideigin a bhios ga saoiltinn fhèin, a’ sealltainn a’ bheairteis chainnt ri lorg fhathast anns an sgìre.

’S e Seonag Monk, preasantair radio agus sgrìobhadair comadaidh aithnichte comasach, a thug tlachd dhan èisteachd agus i bruidhinn agus a’ leughadh na sgrìobhainn aice fhèin às an leabhar ‘Mil san Tì’. A’ fàs suas ann an taigh an fhir-aiseig ann an Gramasdail, Beinn na Faoghla, bha i air a cuairteachadh bho aois òg le sgeulachdaichean agus sin a’ toirt buaidh air an stoidhle aice fhèin.

’S iomadh bàrd a fhuair àrach ann an Uibhist a Deas thar nam bliadhnaichean. Ann an 2017, chaidh Duais nan Sgrìobhadairean Ùra a bhuileachadh air Marion NicIlleMhoire le Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean airson a cuid bàrdachd. Rinn i aithris dhan bhàrdachd aice, a’ toirt an luchd-èisteachd air turas bho shràidean Bharcelona gu ‘Ar Ban-tighearna nan Eilean’ air gualainn Ruaidheabhail. Lean strùbag bhlasta agus cèilidh ghoirid na dhèidh sin.

Bu mhath le Ceòlas taing a thoirt don luchd-maoineachaidh – Urras Leabhraichean na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, HIE agus Alba Chruthachail, agus gu Taigh-tasgaidh Chill Donnain, Acair, MacTV, an solaraiche-bìdhe agus do na daoine a thàinig a-mach do na tachartasan. Bidh an fhèill air ais aig an aon àm ann an 2018.