Às an Tobar – fèill litreachais 30/11-2/12/17

Fèill ùr litreachais

Bidh litreachas Gàidhlig Uibhist a’ nochdadh ann an iomadach cruth, bho òrain is bàrdachd, gu faclan is cainnt, agus sgeulachdan is nobhailean. Bidh beairteas an litreachais seo a’ biadhachadh a chèile, a’ leigeil leis na ginealaichean tarraing à tobair dhomhainn an dùthchais. San fhèill litreachais seo, gheibhear blasad beadarach de na th’ againn, bho litreachas an-dè, an-diugh agus a-màireach.

‘S e fèill litreachais ùr Uibhisteach a th’ ann an Às an Tobar, is i a’ tachairt mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba 2017. 

Prògram

DiarDaoin, 30 Samhain

7:30pm: Cèilidh: Linda NicLeòid agus oileanaich LCC; Taigh-tasgaidh Chill Donnain, £5

DihAoine, 1 Dùbhlachd

9:30am: Leugh is Seinn le Linda NicLeòid; Sgoil an Ìochdair

11:30am: Leugh is Seinn le Linda NicLeòid; Mums & Tots, Èirisgeidh

**1:00pm: Leugh is Seinn le Linda NicLeòid, òrain, rainn agus geamaichean; Cothrom Òg, Ormacleit **ATHARRACHADH**

6pm: Dinner & AGM Chèolais, le taisbeanadh air Cnoc Soilleir, Taigh-tasgaidh Chill Donnain

7:30pm: Forradh Sly Cooking: 42 Irresistible Gaelic Words, Catrìona NicIlleDhuibh, Taigh-tasgaidh Chill Donnain [Gàidhlig]

8:15pm: Prògram tbv: ‘Mghr Ailein & Na Faclan’, MacTV, sealladh den phrògram le MacTV a’ falbh tro àrainneachd fhaclan Mghr Ailein ann an coimhearsnachdan Uibhist is Èirisgeidh an latha an-diugh, Taigh-tasgaidh Chill Donnain

DiSathairne, 2 Dùbhlachd

1:30pm: Bùth-obrach is còmhradh: ‘Sùil-chruthaich’ is ‘bàsadair’: Faclair Mghr Ailein, Catrìona NicIlleDhuibh, còmhradh mu fhaclan Uibhisteach agus saothar Mghr Ailein, Taigh-tasgaidh Chill Donnain [Gàidhlig]

2:30pm: Mil san Tì? còmhradh mun nobhail ùr le Seonag Monk, Taigh-tasgaidh Chill Donnain [Gàidhlig]

3:10pm: Brìgh is Spiorad: bàrdachd Marion Mhoireasdan, Taigh-tasgaidh Chill Donnain [Gàidhlig]

3:30pm: Srùbag, le tabhartas beag, Taigh-tasgaidh Chill Donnain

4pm: Cèilidh leis na Caimbeulaich, Guthan an Iar, Buttons & Bows agus eile, Taigh-tasgaidh Chill Donnain [Gàidhlig]

 

Luchd-bruidhinn

Linda NicLeòid, à Càirinis, Uibhist a Tuath, na seinneadair agus preasantair tbh aithnichte. ‘S i na tosgaire òg airson leughadh Gàidhlig, a’ toirt ‘Leugh is Seinn’ gu daoine air feadh na h-Alba.

 

 

Catrìona NicIlleDhuibh, nighean Raghnaill MhicIlleDhuibh, na sgrìobhaiche agus na h-ealanaiche a th’ air tòrr phròiseactan a thoirt gu buil thar nam bliadhnaibh, a’ gabhail a-steach leabhraichean chloinne agus am fiolm goirid Pìobairean Bhòrnais. Tha an leabhar ùr aice a’ toirt fhaclan annasach Mghr Ailein beò a-rithist.

 

 

Seonag Monk na preasantar comasach mòr-chòrdte aig a’ BhBC agus ùghdar a ghlèidh grunn dhuaisean; ‘Duaisean Dhòmhnaill Meek’ agus duais fharpaiseach nam meadhanan Ceilteach airson a’ chomadaidh Dà Là san Dàmhair, a chaidh a sgrìobhadh còmhla ri Calum MacFhionghain. À Gramasdal, Beinn na Faoghla, tha Seonag air a bhith a’ sgrìobhadh fad fichead bliadhna airson telebhisean, radio, an àrd-ùrlar agus bha an sgriopt The Green Man of Knowledge, a bh’ air Channel Four le tar-ghuth bho Bhrian Cox, air geàrr-liosta BAFTA. Sgrìobh i grunn leabhraichean chloinne agus seo a’ chiad làn nobhail aice, Mil san Tì, a tha a-mach air na beathannan aig triùir bhoireannach gu math diofrach. Fhuair e moladh fad is farsaing, ‘a very compelling read’, ‘the eloquence and richness of the writing alone is a delight for lovers of the Gaelic language, but coupled with a really good story makes Mil san Tì something rather special.’

Marion Fiona Mhoireasdan, le ceanglaichean làidir Uibhist is Bharraigh, a ghlèidh Duais Sgrìobhadair Gàidhlig Ùir 2017 ann am bàrdachd, air a thoirt seachad le Comhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba. Mar dhuais, tha i air pàirt a ghabhail ann am prògram leasachaidh bliadhna, a’ toirt loinn air a cuid sgrìobhaidh.

 

Às an Tobar mar phàirt dhe Seachdain Leabhraichean na h-Alba agus i a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Alba Chruthachail agus Urras Leabhraichean na h-Alba.

Tadhail air làrach Scottish Book Trust son barrachd fiosrachaidh.