Symposium Ceòlas a’ soilleireachadh sliochd bhàrd meadhan-aoiseach

B’ e Clann ’ic Mhuirich, teaghlach bhàrd clasaigeach a dh’fhan ann an Stadhlaigearraidh agus Dreumasdal eadar an 16mh agus an 19mh linn, cuspair symposium coimhearsnachd Ceòlas Uibhist airson 2017. Nochd tòrr mòr às a’ choimhearsnachd aig an tachartas thar ceithir latha, cho math ris an dà ollamh, Dr Sìm Innes, Oilthigh Ghlaschu, Dr Ùisdean Cheape, Sabhal Mòr Ostaig, am pìobaire agus seinneadair Ailean Dòmhnallach, agus eòlaichean ionadail.

Dh’fhosgail an symposium le taisbeanadh dhealbhan, chuimhneachan agus ealain, ann an Taigh-cèilidh Ghèirinis. Thugadh muinntir an dà bhaile stuth a-steach agus thàinig deagh chuid bho Uibhistich air tìr-mòr. Bidh an taisbeanadh fosgailte dhan t-17mh latha den Lùnastal, eadar 12f-6f.

Taisbeanadh nam bailtean, Taigh-cèilidh Ghèirinis

Bha an Aifreann bhliadhna ann an Eaglais Naoimh Mìcheal ann an Àird Choinnich, far an robh Guthan an Iar na chòisir, agus thugadh an symposium gu crìoch aig seirbheis mheòmhrachail ann an Eaglais Thobh’ Mòr.

Bha tòrr an làthair aig na h-òraidean, a chaidh an cumail sa Ghàidhlig ann an Sgoil an Ìochdair thairis air dà latha. Dh’ionnsaich an luchd-èisteachd bhon Dr Sìm Innes mu na h-àrd-chomasan inntinn a dh’fheumadh ann an dèanamh bàrdachd Ghàidhlig chlasaigeach bhon 13mh dhan t-17mh linn, agus e bruidhinn mu Mhuireadhach Albanach, a thòisich Clann Mhuirich.

Bhruidhinn Dr Ùisdean Cheape air crìonadh an t-sliochd bhàrdail, le cunntasan air nuair a leigeadh an leabharlann àrsaidh de chraicinn – a lìonadh seachd cairtean – mu sgaoil, agus le sgeulachdan de MhacMhuirich Mòr, draoidh a dh’aithnichear ann am beul-aithris na sgìre. Chaidh an dà òraid a leantail le seinn shùrdail Ailein Dhòmhnallaich agus e a’ taisbeanadh òrain Chloinn Mhuirich.

Baile Dhreumasdail

Rinn Iseabail Dhòmhnallach, a shloinneas i fhèin bho Mhuireadhach Albanach às an 13mh linn, taisbeanadh ro-laghach mu Chloinn Mhuirich an latha an-diugh ann an Uibhist, agus bha deagh chuimhe bhlàth aig an luchd-èisteachd air an fheadhainn air an do bhruidhinn Iseabail.

Air an oidhche, bha farpais-cheist, cuirm phìobaireachd le Brìghde Aonghais Phàdruig Chaimbeul agus Seonaidh Mac an t-Saoir – e fhèin de Chloinn Mhuirich, agus an Cèilidh Mòr, gu comasach air a lìbhrigeadh le tè tha tric a’ tàthaich na symposium, Mòrag Alasdair Mhòir Dhòmhnallach.

Cuide ris an t-symposium, bha an dàrna cùrsa bogaidh Gàidhlig a tha Ceòlas air ruith san Iuchar ga dhèanamh, agus muinntir na sgìre agus tìdsearan an ceann trèanadh foghlaim Ghàidhlig na lùib. Fhuair oileanaich deagh chothrom a bhith a’ leasachadh an cuid sgilean, chan ann a-mhàin san t-seòmair-chlas ach cuideachd am measg na coimhearsnachd Gàidhlig air cuairtean, cèilidhean agus a’ togail shrùban air an Fhadhail a Deas.

Bha an symposium a’ faighinn taic bho Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, HIE agus Comhairle nan Eilean Siar.

Baile nam Bàrd, Stadhlaigearraidh

An Cèilidh Mòr