Horo-Gheallaidh Ceòlas 2017

An dèidh cho sgoinneil ’s a bha sgoil-shamhraidh 2016, bu mhòr an t-iongnadh gun gabhadh a bheatadh – ach ghabhadh. Grian na dèarrsadh a chuir fàilte air aon de na seachdainean bu thrainge sa bhliadhna Uibhisteach, a’ toirt deagh thogail dhan àite.

Coinneach MacCoinnich, Ceap Breatainn

Am bliadhna-sa, bha cuid de na seinneadairean, ceòladairean agus dannsairean traidiseanta as fheàrr às Alba agus Canada. Ghabh dannsairean Mats Melin, Frank MacConaill agus Sophie NicSteaphain clasaichean bho luchd-tòiseachaidh gu luchd-adhartaich a bhios an ceann nan clasaichean aca fhèin ann an ùine nach bi fada.

Bha pìobaireachd son dannsa ga stiùireadh le Fin Moore agus Seonaidh Mac an t-Saoir, le Griogair Labhruidh, às Taobh a Tuath Bhaile a’ Chaolais, an ceann seinn pìobaireachd. Bha na Pìobairean Òga, air an gabhail le Ashley Dhòmhnallach, a’ taisbeanadh phort a rinn iad fhèin air a’ chuirm Crossover agus sin aig àrd-ìre fhèin.

Bha Shelly Chaimbeul agus Coinneach MacCoinnich,  às Ceap Breatainn, còmhla ri Ailean MacEanraig agus Eilidh Sheathach, a’ teagasg nan clasaichean fìdhleadh òga is inbheach. Thaisbeanaich iad na sgilean aca fhèin gu h-ealamh aig na cuirmean is cèilidhean tron t-seachdain cuideachd.

Michelle NicNèill Walker, à Barraigh

Cha robh de shamhail aig Ingrid NicEanraig, a ghabh clas i fhìn sa chlàrsach, agus i an ceann grunn chèilidhean. Bha Màiri Anna NicUalraig, a bha na bean an taighe air a’ Chèilidh Mhòr, a’ dèanamh luaidh air Ingrid chan ann a-mhàin mar thè a tha sgileil fhèin air cluich, ach cuideachd mar thè annasach as urrainnear ceòl-taice ealanta a chumail ri duine sam bith.

Tha àireamhan a’ sìor-fhàs gach bliadhna anns na clasaichean Gàidhlig agus iad a’ tàladh tòrr oileanaich airson coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist fhiosrachadh. Air an gabhail le Catrìona Nic an t-Saoir, Catrìona NicIlleDhuibh agus Ailig Bhaltos Dòmhnallach, ‘s e an dealbh-chluiche Ghàidhlig air aon de na rudan as fèillmhoire a th’ ann air a’ Chonsairt Crossover DihAoine.

Gu sònraichte, bidh 2017 air a chuimhneachadh airson nan òran. Ùr dhan t-seachdain bha Màiri Sìne Laomannd, às Ceap Breatainn, còmhla ri Raonaid Walker agus Cairistìona Primrose. B’ e an t-seinn aca, còmhla ri tàlant ionadail, a rinn Cèilidh nan Òran air DiCiadain air aon de na cuirmean as fheàrr a-riamh a bh’ ann aig Ceòlas, ann am beachd tòrr den luchd-èisteachd. B’ e cuspair na cèilidh, Bho Ghinealach gu Ginealach, leabhar de bhàrdachd Chaimbeulach Taobh a Deas Loch Baghasdail; agus chaidh òrain Uibhisteach a sheinn còmhla ri òrain à ceàrnaidhean eile den Ghàidhealtachd rè dà uair gu leth far an robh an luchd-èisteachd fo gheasaibh an luchd-seinn. Seinneadair nach cluinnear gu tric as t-fhiach iomradh, b’ e Michelle NicNèill Walker a dh’fhàg na daoine a bha an làthair ag iarraidh a bharrachd a chluinnteil. Bha an teaghlach Caimbeulach iad fhèin air an riochdachadh le Ruairidh MacAoidh (an Ròideag), Dòmhnall Ruairidh agus Dòmhnall Anthony Caimbeul, a sheinn na h-òrain theaghlaich as fheàrr leotha fhèin. Thàinig an oidhche gu crìoch agus ‘A Pheigi a Ghràidh’ air a ghabhail gu beadarrach aig 18 seinneadair air an àrd-ùrlar.

Cuairt gu Roisinis, a’ cluinntinn ‘Tha mo Ghaol ‘s na Haunn’

Bha gach tachartas air a lìonadh le daoine, agus a’ choimhearsnachd a’ nochdadh nan dròbhan airson an luchd-teasgaisg tàlantach a chluinnteil. Mar as àbhaist, bha prògram sònraichte mòr sa Chèilidh Mhòr, a’ leigeil leis na h-oidean an cuid seinn, cluiche is dannsa a chur fo chomhair na bha an làthair. Ghabh Griogair Labhruidh a dhà òran far a’ chlàir aige ‘Dail Riata’, a thàinig a-mach bho chionn 10 bliadhna.

Rè na seachdain, bha cuairtean air an stèidheachadh air dà leabhar: Eriskay Where I Was Born, a dh’fhalbh a-mach gu Roisinis airson leughaidhean le Màiri NicCoinnich a chluinnteil, agus Bho Ghinealach gu Ginealach leis na Caimbeulaich a’ treòireachadh dhaoine timcheall a’ bhaile aca fhèin, Taobh a Deas Loch Baghasdail. Bha taisbeanadh ealain òla, le Rona Hyslop à Fìobha, a’ dol fad na seachdain.

‘A Pheigi a Ghràidh’

Feasgar DhiarDaoin, bha òraid inntinneach le John Renshaw a-mach air leasachadh a’ Chnuic Shoilleir. Bha e a’ co-chomhairleachadh air roghainnean togalaich Chnoc Soilleir, agus bha riochdairean ann bho Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Alba Chruthachail agus a’ choimhearsnachd. Mur urrainn dhuibh a bhith an làthair, agus bu mhath leibh na roghainn fhaicinn agus a chnuasachadh, leig fios do Cheòlas Uibhist.

Na Pìobairean Òga air a’ Chèilidh Mhòr

Co-chomhairleachadh poblach air Cnoc Soilleir, John Renshaw agus Dr Aonghas Dòmhnallach