Uibhist, Malaig agus Lunnainn – mìos trang aig Ceòlas

B’ e mìos loma-làn a bh’ ann airson a h-uile duine aig Ceòlas am mìos mu dheireadh, agus iad air a bhith a’ riuth thachartasan feadh na dùthcha rè na Cèitein. Thòisich cùisean air 5mh Cèitean leis a’ cho-labhairt ‘Òran is Fonn’, far an robh sinn a chur fàilte air iomadach caraid, seann agus ùr. Bha sinn air leth toilichte cothrom eile a thoirt seachad airson ‘Fuaigh’ fhaicinn, dealbh-chluiche le Rona Dhòmhnallach, Gillebrìde MacIlleMhaoil agus a’ bhuidheann-seinn ionadail ‘Guthan an Iar’.

Ghabh Oileanaich GIfT (Bogaidh Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg) bho Oilthigh Shrath Chluaidh pàirt ann am bùth-obrach shònraichte le Naomi Harvey agus an t-Oll Will Lamb, anns an robh iad ag ionnsachadh mu thradaiseanan a thaobh puirt agus dannsa. Bha mu 100 duine an làthair aig consairt le Kathleen NicAonghais, am pìobaire Tiarnán Ó Duinnchinn agus a’ chlàrsair Laoise Kelly air Oidhche Shathairne ann an Talla Chàirinis. Chuir sinn crìoch air a’ cho-labhairt le cearcall seinn ann an Taigh-Òsta Loch Baghasdail feasgar Didòmhnaich.

Lean pailteas de thachartasan Cheòlais eile tron Chèitean. Thadhail ‘Guthan an Iar’ air Lunnain airson Aifreann Ghàidhlig aig St. Mary Moorfields ann an Lunnain Mheadhain. Cuideachd, bha cèilidh ann leis a’ Chomunn Ghàidhlig an Lunnain. Thachair am buidheann ri còrr is 90 daoine nuair a bha iad ann.

A bharrachd air sin, bha an consairt ‘Buttons & Bows’ a’ tachairt ann an Sgoil an Ìochdair Dihaoine 19mh far an robhar a’ taisbeanadh na dh’ionnsaich na sgoilearan. Bha an sgeama seo air leth soirbheachail airson bogsa agus fìdheall a theagasg do dhaoine òga. Gu mì-fhortanach, tha a’ mhaoin a’ tighinn gu ceann. Fhuair Ceòlas taic-airgid bho ‘The People’s Health Lottery’ airson 2 bhliadhna, ach feuchaidh Ceòlas ri maoineachadh eile a lorg a chùmas ‘Buttons & Bows’ a’ dol.

An deireadh-seachdain seo chaidh, chaidh 14 Uibhistich a-null a Mhalaig air an aiseag airson ceòl a chluich do mhuinntir tìr-mòr, eadar an Taigh-òsda Gàidhealtachd an Iar agus am Marine Bar airson an là. Bu mhath leinn taing a thoirt seachad do gach duine a thàinig air an turas, gu sònraichte na feadhna a chluich ceòl agus a sheinn òrain còmhla rinn.

Ann an naidheachd eile, tha sinn uile air a bhith a’ tachairt fhad sa tha sinn ag obair gu dìcheallach leis na h-ailtirean airson am pròiseact Cnoc Soilleir a thoirt gu buil. Chaidh sanasachdan obrach a-mach airson Manaidsear Pròiseact agus Co-òrdanaiche Chùmhnantan Teicneigeach am mìos seo. Tha fiosrachadh ri fhaighinn aig www.ceolas.co.uk/gd/2017/05/advertised-positions-cnoc-soilleir/.

Chloe Steele, Aonghas Dòmhnallach, Aonghas MacIllEathain, Ruairidh Gray air LOTI

Ruairidh Gray

Guthan an Iar ann an Lunnain