Oifigear Mheadhanan is Conaltraidh Ghàidhlig

Tha oifigear ùr a’ tòiseachadh aig Ceòlas a bhitheas a’ cur ri fàs na Gàidhlig an Uibhist. Thòisich Liam Alastair Crouse, à Aimeireagaidh, an dreuchd aig tòiseachd a’ Ghiblein, 2017.

Bidh an obair ùr, a mhaireas 3 bliadhna, a’ cur ri làthaireachd na Gàidhlig aig Ceòlas air loidhne, cuide ri cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh ann an gnìomhachasan ionadail. Tha i ga maoineachadh le airgead LEADER, Bòrd na Gàidhlig, HIE agus CnES.

Bidh an t-oifigear ùr ag amas air an dìleab phrìseil agus am beairteas chainnt a tha làidir ann an Uibhist a’ craobh-sgaoileadh gu daoine ùra ann an dòigh a chuireas ri eaconamaidh an eilein. Na chois, bithear a’ tabhainn sheirbheisean margaidheachd is sanasachd Gàidhlig do ghnìomhachasan agus buidhnean coimhearsnachd Uibhist. Roimhe seo, bha Liam na Oifigear Phlanaichean aig Bòrd na Gàidhlig an Inbhir Nis agus na Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Ceòlas ann an 2015-16.

‘Tha mi a’ dèanamh fiughar mhòr ris an obair seo’, thuirt Liam. ‘Chòrd e rium gu mòr a bhith a’ fuireach ’s ag obair ann an coimhearsnachd Ghàidhealach a’ bhon-uiridh agus tha mi cho toilichte gun d’fhuair mi an cothrom seo a thilleadh gu Ceòlas agus coimhearsnachd bhlàth Uibhist.’

‘Tha sinn dìreach air ar dòigh gun do ghlac Liam leis an obair nuair a chaidh a thabhainn dha. Bha fèill air an obair seo agus triùir eile a-staigh air a shon. Bha a chuid sgilean a’ freagairt gu math air an dreuchd agus nuair a bha e ag obair dhuinn roimhe air greis-ghnìomhachais ScotGrad agus bhiodh e a’ dol an lùib na coimhearsnachd ann an dòigh èasgaidh’, thuirt Mary Schmöller aig Ceòlas.

This entry was posted in . Bookmark the permalink.