Oifigear Leasachaidh Dannsa ùr aig Ceòlas

Bidh Oifigear Leasachaidh Dannsa ùr le Ceòlas a’ ruith thachartasan dannsa ann an Uibhist. Bidh Sorcha Monk, a thòisich an dreuchd an t-seachdain sa chaidh, ag obair pàirt-ùineach às an Oifis Ceòlas aig Colaisde a’ Chaisteil Àrainn Bheinn na Faoghla.

Mu dheireadh stèidhichte aig Dance House Glasgow fad 9 bliadhna, tha farsaingeachd de dh’eòlas aig Sorcha ann a bhith a’ cur air dòigh thachartasan proifeiseanta is choimhearsnachd. Bha i an sàs agus a’ stiùireadh dhannsaichean de shluagh mòr, agus bha i fhèin a’ dannsadh aig fèisean agus an Theatre Rìoghail, Glaschu, mar phàirt den Dance House Community Company.

Bidh bùithtean-obrach còmhla ri sgoiltean agus buidhnean Gàidhlig a’ cur ris an t-solar dannsa a th’ ann mur-thà.

Tha an obair ga maoineachadh le tabhartas bhon Urras MhicDhonnchaidh agus NHS Eileanan Siar. Bidh i a’ togail air na rinneadh an t-oifigear mu dheireadh, Laura Johnston-Scott, a tha a-nise ag obair ann an Inbhir Nis.

Thuirt Sorcha: ‘Tha mi toilichte gun d’fhuair mi an cothrom leantail orm ann an gnìomhachas an dannsa, agus an dèidh tilleadh dha Uibhist an dèidh 15 bliadhna air tìr-mòr, tha mi a’ dèanamh fiughar ri dhol an lùib na coimhearsnachd, agus a’ brosnachadh cheanglaichean ri buidhnean dannsa eile thar na dùthcha.

Cuir fios gu Sorcha Monk (sorcha@ceolas.co.uk) no Ceòlas (01878700154) nam bu mhath leibh ùidh a shealltainn ann an dannsa an Uibhist.