Ailtire Ga Fhastadh airson Cùmhnant Dealbhachaidh Cnoc Soilleir

Chaidh cùmhnant dealbhachaidh a’ phròiseict Cnoc Soilleir, a tha eadar Ceòlas Uibhist agus Colaisde a’ Chaisteil UHI, a bhuileachadh air oifis ailtire.

Bha John Renshaw Architects, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann, soirbheachail nan tagradh gus an ionad do dh’ealain is foghlam na Gàidhlig a thogail ann an Dalabrog, Uibhist a Deas. Fhuair a’ chùmhnant, a bha a-mach gu tairgse sa Ghearran, àireamh de thagraidhean aig àrd ìre.

Tha an naidheachd seo a’ leantail air fios na seachdain sa chaidh gun tugadh Bòrd na Gàidhlig £150,000 ris a’ phròiseact. San Dùbhlachd 2016, fhuair an leasachadh tabhartas de £1m bho Riaghaltas na h-Alba, air a bhuileachadh le Iar-Phrìomh-Mhinistear Iain Swinney.

Tha farsaingeachd de dh’eòlas bho air feadh na Rìoghachd aig an oifis ailtire, agus iad an dèis phròiseactan a leithid An Tobar (Tobar Mhoire), Ionad Chaluim Chill Ì (Fionnphort) agus Ceann na h-Àirigh (Griomasaigh) a dhealbhachadh. Rinn an oifis an sgrùdadh so-dhèantachd (feasibility study) airson na làraich as t-samhradh 2015, agus tha Ceòlas agus LCC fìor thoilichte gun d’fhuaireadh iad tagraiche cho làidir airson a’ phròiseict.

Bheir an togalach, a chosgas £7.1m, buannachdan brìgheil dhan eaconamaidh ionadail, a thuilleadh air 41.5 obraichean FTE aig Bliadhna 5. Cuidichidh Cnoc Soilleir ri fàs a thoirt do ghnìomhan coimhearsnachd Ceòlas timcheall air ionnsachadh Gàidhlig, ceòl is dannsa, a’ gabhail a-steach an Sgoil shamhraidh ainmeil, Fèis Chullaig, Co-labhairt nan Òran agus an Symposium.

Bidh am pròiseact cuideachd a’ cuideachadh le fàs phrògraman ciùil LCC (BA Ceòl Gnàthaichte, MA Ceòl agus an àrainneachd, HNC Ceòl) a tha gu h-àraidh fèillmhor agus bidh e a’ toirt chomasan a bharrachd airson cùrsaichean sna Gnìomhachasan Cruthachail a lìbhrigeadh, a’ fàgail barrachd fàs ann an àireamhan oileanaich.

Airson barrachd fios, cuir fios gu Liam Crouse, Ceòlas Uibhist, 01878 700 154 neo liam@ceolas.co.uk.

http://www.ceolas.co.uk/

https://www.lews.uhi.ac.uk/

http://www.johnrenshawarchitects.co.uk/

http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/39662238