Òran ‘s Fonn – 5mh, 6mh, 7mh Cèitean

Làn-phrògram Òran ‘s Fonn

’S e Uibhisteach a th’ ann an Gillebrìde MacIlleMhaoil. ’S e am mac as òige aig Niall Sheonaidh Nèill à Gearraidh Bhailteas agus Ann Dhòmhnaill Ailean ’Illebhrìde à Baghasdal. ’S e Gàidhlig a chiad chànan agus cànan an teaghlaich. B’ e deagh phìobaire a bha na athair agus bha ceòl, sgeulachdan agus seinn anns an taigh fad an t-siubhail.
Tha Gillebrìde ag obair na neach-teagaisg ann an Oilthigh Ghlaschu agus na eadar-theangair Gàidhlig a bharrachd a bhith a’ seinn gu tric aig fèisean agus cèilidhean. Tha e air seinn agus air seinn a theagasg ann an iomadach àite ann an Alba, An Roinn Eòrpa agus anns Na Stàitean Aonaichte.

’S e ‘Air Fòrladh’ an dàrna clàr aige Gillebrìde. B’ e ‘Thogainn Ort Fonn!’ a’ chiad chlàr aige agus tha e cuideachd air seinn air clàran eile leithid ‘Na Seòid’ còmhla ris a’ chòmhlan sin agus ‘Home to Argyll’ – cruinneachadh dhe na h-òrain aig Ethel NicCaluim

Tha pàirt mar bhàrd Chlann Choinnich aig Gillebrìde anns an t-sreath telebhisean Outlander.

 

Ged a bhios i cuideachd ag obair na cleasaiche agus preasantair tbh, tha Kathleen NicAonghais air aon de na seinneadairaen Gàidhlig as cliùitiche th’ ann agus i ga h-aithneachadh air feadh an t-saoghail. Rugadh is thogadh i ann an Uibhist a Deas ann an coimhearsnachd làn chiùil.

Tha NicAonghais air a bhith seinn bho h-òige agus stèidhich i i fhèin ann am prògraman a leithid Tacsi, Aig Cridhe Ar Ciùil agus Bàrd nan Òran. Sgaoileadh a’ chiad chlàr aice ‘Òg-Mhadainn Shamhraidh’ ann an 2006. San dearbh bhliadhna, chaidh a bhòtadh mar ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig na #ScotsTrads. Leanadh deagh fhèill a’ chiad chlàir leis an dàrna clàr, ‘Cill Bhrìghde’, agus cuid den luchd-ciùil as fheàrr a th’ anns an rìoghachd na lùib, Iain McCusker, Mìcheal McGoldrick, Dòmhnall Seathach, Iain Dòmhnallach agus Cathy Ann Nic a’ Phì. Chaidh a mheasadh sa Ghuardian mar seo: “Anyone with the misconception that Gaelic song is all twee and interminably mournful should spend a minute or several listening to Kathleen MacInnes. The South Uist singer has a voice like peat smoke and good whisky, as robust, sassy and soulful as it is supple and expressive.”

 

Thòisich Tiarnán O,’Duinnchinn a’ cluich na pìob uilinn nuair a bha e 9 bliadhna dh’aois, agus e air a bhith cluich bhon uair sin – 21 bliadhna chun na h-ìre seo.

Fhritheal e clasaichean na fìdeig aig Cluba Phìobairean Armaigh nuair a chaidh a ghluasad gu na clasaichean pìob uilinn. An dèidh corra bliadhna le Brian, ghluais Tiarnán gu clas Mark Donnelly sa Chluba Phìobairean. Fhuair Tiarnán na bh’ ann de dh’eòlas bhuapa. Chaochail Mark gu brònach ann an 1998.

Bha Tiarnán na bhall de chòmhlan cèilidh Dundalk, Ceoltóirí Óga Oirghiall.

Bidh e a’ touradh gu cunbhalach bho 1995, san Roinn Eòrpa, Stàitean Aontaichte, Canada, Iapan, Afraga, Sealann Nuadh agus Astràilia.

 

‘S ann às Gearraidh Sheilidh, Uibhist a Deas, a tha Rona Dhòmhnallach. Thogadh i ann an teaghlach làn dualchais Ghàidhlig agus an dèidh dhi gluasad a Ghlaschu a dh’fhuireadh ‘s a dh’obair, bu dùth dhi gluasad chun nan ealain. ‘S e riochdaire ealain, oide Gàidhlig, bana-bhàrd agus cleasaiche dràma a th’ innte, le còrr is 15 bliadhna de dh’eòlas ann an leasachadh, manaidseachd agus cur an gnìomh.  

 

 

Tha an t-Oll Will Lamb na òraidiche ann an Eitneòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann. Eadare 2000 agus 2010, bha e na òraidiche aig Colaiste a’ Chaisteil ann am Beinn na Faoghla agus chuir e air bhonn am prògram ciùil tradaiseanta. Tha farsaingeachd na chuspairean rannsachaidh, bho bheul-aithris gu cànanachas. Nuair a bha e a’ deasachadh a leabhair, Keith Norman MacDonald’s Puirt-à-Beul, thog e ùidh sa cheangal a th’ ann eadar dannsa agus ceòl ionnsramaid tràtha. Rannsaich e àireamh thobraichean agus e nise ga leudachadh gu Èireann agus an Roinn Eòrpa. A bharrachd air an sgoilearachd aige, bidh Will aithnichte son a bhith a’ cluich bouzouki, agus e air cluich còmhla ri luchd-ciùil a leithid Fin & Hamish Moore, Fred Moireasdan agus Lurach.

Tha Naomi Harvey na seinneadair Gàidhlig is Beurla Ghallta à sgìre Ghlaschu. Thogadh i a’ Ghàidhlig agus na h-òrain an tòiseachd an lùib nam Fèisean agus chùm i oirre ga foghlam aig Oilthigh Ghlaschu. Ghluais i an uair sin a Bheinn na Faoghla agus bha e ag ionnsachadh òrain thradaiseanta an sin fad trì bliadhna, ag ionnsachadh bho sheinneadairean ionadail a leithid Isa NicFhilip, Pòl MacCalluim agus Catrìona Garbutt.

Air a h-ais a’ fuireach air Galltachd, tha Naomi ag obair na rannsaiche agus neach-catalog airson Calum MacLean Digitisation Project agus Tobar an Dualchais. Bho chionn ghoirid, rinn i rannsachadh Eòrpach le Ceòlas ann an Uibhist a Tuath, a’ cruinneachadh òrain bho bheul-aithris, gu sònraichte òrain Anndra Linc Hòrasairigh. Tha i na rannsaiche PhD aig Oilthigh Hariot-Watt agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, a’ sgrùdadh chlàran fuaim de sgeulachdan agus òrain bho air feadh na dùthcha.

Bidh bùth-obrach Will is Naomi a’ tachairt fad an latha DiSathairne ann an dà phàirt, 10m-12m agus 2f-4f.

 

‘S ann à Cathair na Mart (Wesport), Co Mhaigh Eo, a tha Laoise Kelly, agus i a-nis a’ fuireach ann an Eilean Acla san aon sgìre. Chaidh a meas mar ‘a’ chlàrsair a bu chudromaiche na ginealach’ – Nuala O’ Connor. Tha i aithnichte airson an stoidhle clàrsaich a nochd sna trì clàran mòr-chòrdte aice, Just Harp, Ceis agus Fáilte Uí Cheallaigh. Bho chionn ghoirid, stiùir i Fèis Eadar-Nàiseanta Chlàrsach Acla gu soirbheachail agus i cuideachd na stiùiriche ciùil air an t-suite ùr Sraith Oileán Acla.