Cùrsa Gàidhlig do Thìdsearan FtG FLi

Gàidhlig an Uibhist le Ceòlas

Cuin: 2 – 7mh Iuchar 2017, ri linn sgoil shamhraidh Ceòlas; 23 – 27 Iuchar 2017, ri linn symposium Ceòlas

Càite: Sgoil shamhraidh: Dalaborg, Uibhist a Deas; Symposium: Ìochdar, Uibhist a Deas

Cìs: £250, dh’fhaoidte gum bi maoin ri fhaighinn bho ùghdarrasan ionadail

Ìre cànain: luchd-tòiseachaidh gu -fileanta

Tuairsgeul: ‘S e cùrsa ionnsachadh-dreuchd fad-beatha (CLPL) a th’ anns a’ chùrsa seo do thìdsearan làithreach ann am Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh (FLi) airson an cuid Ghàidhlig a chleachdadh agus a neartachadh ann an àrainneachd coimhearsnachd. Bidh na clasaichean a’ freagairt air ìrean sgilean nan tìdsearan, le suas ri sia ìrean cànain rin tabhainn.

Bidh clasaichean a’ gabhail a-steach gràmair, sgilean còmhraidh, goireasan an t-seòmair-theagaisg, ionnsachadh gnìomhach (bùithtean-obrach agus turasan) agus lèirmheas is daingneachadh, a bharrachd air tachartasan oidhche na sgoil shamhraidh agus symposium.

Tha Ceòlas Uibhist air a fhreumhachadh ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas, a’ cur ri glèidheadh agus mealtainn na dìleib Ghàidhlig shònraichte a th’ aig a’ choimhearsnachd. Tha am beairteas òrain, ciùil is cànain làidir san eilean far a bheil a’ chuibhreann as àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba (Cunntas-sluaigh, 2011), agus tha a’ Ghàidhlig fighe fuaighte ris a’ choimhearsnachd. Sheall rannsachadh le Soillse (G Wells, 2011) gur e àrainneachd ionnsachaidh thaiceil bhrosnachail a th’ ann an coimhearsnachd Uibhist airson togail Gàidhlig.

Tha Ceòlas na fhaileas de dhùthchas nan Eilean Siar. Thar nam fichead bliadhna a dh’fhalbh, tha Ceòlas air a bhith na phàirt de dh’ath-bheothachadh cultarail agus sòisealta an Uibhist. Tro cheòl agus fhoghlam, bidh Ceòlas a’ mealtainn agus ag àrdachadh cultar agus dualchas Gàidhlig an eilein, a bharrachd air ceanglaichean làidir diaspora na Gàidhealtachd.

Mar shlighe a-steach don choimhearsnachd bu làidire Gàidhlig, tha Ceòlas air suidheachadh sgoinneil gus an dìleab bhuan seo a ghlèidheadh is chraoladh dhan ath ghinealach.

Tuairsgeul Cùrsa (Beurla)

This entry was posted in . Bookmark the permalink.