Taic £1m do Chnoc Soilleir le Riaghaltas na h-Alba

Tha sinn cuideachd air leth toilichte innse gu bheil sinn air taic-airgid luach millean not fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson a chur ri Cnoc Soilleir – pròiseact togail ann an Uibhist a Deas.

Tha an Leas Phrìomh Ministear, John Swinney, air dearbhadh gun tèid £1 millean a thoirt do phròiseact Chnoc Shoilleir. ’S e pròiseact co-obrachail eadar Ceòlas Uibhist agus Colaiste a’ Chaisteil UHI a tha ann an Cnoc Soilleir agus tha dùil gum bi buaidh eaconamach aige cho math ri bhith a’ cuideachadh cultar na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas.

Thuirt Mgr Swinney: “Thèid co-ionnan ri 40 dreuchd làn-ùine a chruthachadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn agus bidh buannachd mhòr ann dhan eaconamaidh ionadail le bhith a’ stèidheachadh ionad foghlam Gàidhlig agus ealain ann an Uibhist.

“Bheir e cuideachd seasmhachd dhan Ghàidhlig anns an sgìre, a’ dol le dealas an riaghaltais gus taic a chur ris a’ chànan anns na coimhearsnachdan agus ann am foghlam aig gach ìre ann an Alba.”

Tha sinn a’ cruinneachadh airgid airson na bhios a’ choimhearsnachd a’ cur ris.