Fàilte gu Ceòlas! Tha sinn toilichte gu bheil sibh uile air tadhal air an làrach-lìn againn, is tha sinn an dòchas fàilte a chur oirbh gu seachdain air leth. Seachdain làn ceòl, dannsa, càirdeas is barrachd spòrs na tha ri fhaighinn an àite eile air feadh Alba fad an t-samhraidh.
’S e sgoil chiùil shamhraidh, stèidhichte ann an teis meadhan coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas a th’ ann an Ceòlas. Le sàr theagasg ann am pìobaireachd, fìdhlearachd, dannsa ceum, agus Gàidhlig tha Ceolas a’ soilleireachadh agus a’ brosnachadh nan ceanglaichean sònraichte eadar ceòl, dannsa agus seinn. Tha càirdeas àraid aig Ceòlas le Ceap Breatainn, agus tha an sgoil air obair mhòr a dhèanamh airson stoidhle chiùil Ceap Bhreatainn a thoirt dhachaigh.
GÈIRINIS 2011
Tha ceud bliadhna ann am-bliadhna bhon a chaidh Gèirinis a chruthachadh mar bhaile croitearachd.
Tha sinn a’ comharrachadh seo le co-labhairt ann an, agus mun cuairt air Gèirinis air a’ 24mh – 26mh dhen Iuchair.
Gheibhear fiosrachadh agus foirm clàraidh aig:-
Gerinish conference pdf conversion
Doigh eile air a luchdachadh:
Gerinish conference for printer front cover.jpg
Gerinish conference inside page printer.jpg
Faodaidh tu pàigheadh le cairt creideis aig : www.thebooth.co.uk
BARRACHD



