Cnoc Soilleir Planning Permission

19th March 2018

[:en]

Cnoc Soilleir concept drawing © John Renshaw Architects 2018

The Cnoc Soilleir Project has reached one of our important milestones. We have submitted the full planning application for the building to Comhairle nan Eilean Siar.

The Cnoc Soilleir Project is an exciting joint venture between LLC UHI and Ceòlas in Dalabrog, South Uist. This is recognised as a key community for the revitalisation of the Gàidhlig language in Scotland. Cnoc Soilleir has a significant role in leading this development.

Following extensive consultations, the designs have been developed and are available to view at the Ceòlas offices in Dalabrog and Lìonacleit.

Located at Cnoc Soilleir, by the Dalabrog junction, it will establish a state-of-the-art modern building for education, Gàidhlig language, music, dance and cultural heritage in Uist. The building has been designed to meet exemplary energy efficiency standards and minimise running costs and CO2.

It will contain an auditorium designed for traditional music, as well as recording facilities and studio. Spaces for dance and other sound-proofed teaching spaces will also be included alongside a new home for Ceòlas’ archives and library.

The building has been designed principally around the college’s needs to deliver their educational programmes. When the college is closed in the evenings, and at weekends and holidays, the building will continue to be used by Ceòlas for their cultural programmes and activities.

The entrance foyer will open up to the heart of the building, complete with peat hearth, and will provide a welcoming space for both members of the community and visitors alike.

This project has been funded through the generosity of the Scottish Government, Bòrd na Gàidhlig, HIE, CnES and donations made locally. Infrastructural works on site are expected to commence this summer.

[:gd]

Dealbhachadh Cnoc Soilleir © John Renshaw Architects 2018

Tha Pròiseact Cnoc Soilleir air clach-mhìle chudromach a ruighinn. Chaidh tagradh planaidh an togalaich a chur a-steach do Chomhairle nan Eilean Siar.

’S e iomairt chompàirteach a th’ ann an Cnoc Soilleir, eadar Colaisde a’ Chaisteil UHI agus Ceòlas Uibhist, a bhios ann an Dalabrog, Uibhist a Deas. ’S e aon de na coimheasnachdan as cudromaiche a th’ anns an àite seo airson ath-bheòthachadh na Gàidhlig ann an Alba. Bidh àite mhòr aig Cnoc Soilleir san leasachadh nàiseanta seo.

A’ leantail air co-chomhairleachadh farsaing, rinneadh an dealbhachadh agus tha iad rim faicinn aig oifisean Cheòlais ann an Dalabrog agus Lìonacleit.

Stèidhichte air a’ Chnoc Shoilleir, ann an Dalabrog, cuiridh e togalach ùr goireasach air bhonn airson foghlam, Gàidhlig, ceòl, dannsa agus dualchas ann an Uibhist. Bidh e lùth-èifeachdach airson na cosgaisean ruith agus lorg CO2 a lughdachadh.

Bidh auditorium na chois, air a dhealbhachadh airson ceòl tradaiseanta, cho math ri goireasan clàraidh agus stiùidio. Bidh seòmraichean dannsa agus teagaisg, cuid a bhios fuaim-dhìonach, còmhla ri tasglann is leabharlann ùr don choimhearsnachd.

Chaidh an togalach a dhealbhachadh sa chiad dol-a-mach airson riatanasan na Colaisde airson am prògram foghlaim. Nuair a dhùineas a’ Cholaisde air an oidhche, na deireadh-sheachdainean agus na saor-làithean, thèid an togalach a chleachdadh airson prògram cultarail Cheòlais.

Fosglaidh an trannsa-inntrigidh do chridhe an togalaich, far am bi teinntean-mòine, agus cuiridh e fàilte air gach cuid a’ choimhearsnachd agus luchd-turais.

Tha am pròiseact seo air a mhaoineachadh gu fialaidh le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, HIE, CnES agus tabhartasan a thathar a’ cruinneachadh san sgìre. Tòisichidh obair-togail as t-samhradh am bliadhna.

[:]