Interest growing in Ceòlas summer school

13th February 2018

[:en]Ceòlas Uibhist has recorded the highest number ever of early-year bookings for the Uist-based summer school, taking place in the first week of July in Dalabrog.

Gaelic language continues to be the main draw at the school, which takes place in the strongest Gaelic-speaking community in the world. In addition to general Gaelic tuition taken by all students, about half of the students are signed up for a Gaelic option. This year also represents the first Gaelic-medium class on offer: Uist ‘seanchas’, or oral Gaelic lore, which will include substantial input from native-speakers from the community.

Piping and Gaelic song also possess a strong draw, especially among the international attendees from North America. Over a third of those already booked are from outwith the UK, evidencing Ceòlas’ continued global appeal. Young people are also well represented, with another third of bookings by people under the age of 25.

Organisers are delighted with the level of interest. Mary Schmöller, Officer and Development Manager commented: “It’s great to see so many new names, and it demonstrates the success of our diaspora events, of which Edinburgh in November brought in a quite a few. We’re in a real drive to expand current provision, so that when Cnoc Soilleir comes on stream, it will be busy and lively.”

2018’s tutors include Allan MacDonald (pìobaireachd); Kenneth MacKenzie & Sarah Hoy (playing for dance); Christine Primrose, Rachel Walker & Mary Jane Lamond (Gaelic song); Sophie Stephenson, Frank McConnell & Mats Melin (dance); Robbie Greig, Allan Henderson, Shelly Campbell & Eilidh Shaw (fiddle); Ashley MacDonald (youth piping), Ingrid Henderson (clàrsach); Ailig Bhaltos MacDonald, Catrìona MacIntyre, Catrìona Black & Angus John MacDonald (Gaelic language).[:gd]Tha an àireamh as àirde a-riamh airson an ama seo den bhliadhna air clàradh airson sgoil shamhraidh Cheòlais. Tachraidh an sgoil shamhraidh ann an Dalabrog air a’ chiad seachdain den Iuchar.

’S ann aig a’ Ghàidhlig a tha an tarraing as motha a-rithist, leis an sgoil suidhichte sa choimhearsnachd as treasa sa Ghàidhlig. A bharrachd air clasaichean Gàidhlig a ghabhas gach oileanach, tha mu leth de na h-oileanaich air clàradh airson clas Gàidhlig. ’S e seo a’ chiad uair a tha clas tro mheadhan na Gàidhlig ga thabhainn, a-mach air seanchas Uibhist, sam bi muinntir na sgìre ag innse naidheachdan às a’ choimhearsnachd.

Tha pìobaireachd agus òrain Ghàidhlig a’ tàladh na h-uireid cuideachd, gu sònraichte am measg sluagh Chanada is Aimeireagaidh. Tha mu thrian de na tha clàraichte bho thaobh a-muigh na Rìoghachd-sa, a’ sealltainn na h-ùidh aig daoine bho air feadh an t-saoghail ann an Ceòlas. Agus tha mu thrian eile nan daoine òga fo aois 25.

Tha a’ bhuidheann air an dòigh leis an àireamh. Thuirt Mary Schmöller, Manaidsear Leasachaidh agus na h-Oifis: “tha e cho math a bhith a’ faicinn iomadach ainm ùr, agus sin a’ dearbhadh gu bheil na tachartasan a nì sinn air tìr-mòr, a leithid Dhùn Èideann san t-Samhain, ag obair. Tha sinn air cur romhainn am prògram againn a thoirt am meud, gus am bi Cnoc Soilleir cho beòthail trang ’s a ghabhas nuair a thig e.”

Tha luchd-teagaisg 2018 a’ gabhail a-steach Ailean Ghlinn Ùige (pìobaireachd); Coinneach MacCoinnich & Sarah Hoy (cluich do dhannsa); Cairistìona Primrose, Raonaid Walker & Màiri Sìne Laomaind (òran Gàidhlig); Sophie NicSteaphain, Frank MacConnaill & Mats Melin (dannsa); Robbie Greig, Ailean MacEanraig, Shelly Chaimbeul & Eilidh Sheathach (fìdheall); Ashley NicDhòmhnaill (pìobaireachd na h-òigridh); Ingrid NicEanraig (clàrsach); Ailig Bhaltos Dòmhnallach, Catrìona Nic an t-Saoir, Catrìona NicIlleDhuibh & Aonghas Iain Dòmhnallach (cànan na Gàidhlig).[:]