Cnoc-Soilleir – New Building Fundraising

Cnoc-Soilleir

Fèis Chullaig  is an exciting New year event for you this year running from 28th Dec to 1st January.  Classes in Grogarry Lodge from 10am onwards inGaelic, Fiddle, Pipes and Singing and anyone can take part. Come along for all of it  or drop in for 1 or 2  classes if you want? Join us for walks in the afternoons, pub sessions in the early evenings and following events;
Wed 28th – Fun Quiz in Grogarry lodge – come along ..its hilarious!
Thursday 29th– New activities for all the family in St Peters Hall 12-2pm.Ceilidh in Stoneybridge 7.30pm.
Friday 30th – Trail West, Iochdar Hall.
Sat 31st Hogmanay Celebration Piping night in Grogarry Lodge 8pm.
1st January Fireside Ceilidh in Grogarry Lodge.Each evening from 5-7pm you can join in a music session in the selected pub and have the Fèis Chullaig food special. Wednesday – Am Politician Bar in Eriskay, Thursday – Lochboisdale Hotel. Friday – Dark Island Hotel in Benbecula. Saturday – Borrodale Hotel in Daliburgh. Chi sinn ann sibh!

CNOC-SOILLEIR
Tha sinn cuideachd air leth toilichte innse gu bheil sinn air taic-airgid luach millean not fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson a chur ri Cnoc Soilleir – pròiseact togail ann an Uibhist a Deas.

Tha an Leas Phrìomh Ministear, John Swinney, air dearbhadh gun tèid £1 millean a thoirt do phròiseact Chnoc Shoilleir. ’S e pròiseact co-obrachail eadar Ceòlas Uibhist agus Colaiste a’ Chaisteil UHI a tha ann an Cnoc Soilleir agus tha dùil gum bi buaidh eaconamach aige cho math ri bhith a’ cuideachadh cultar na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas.

Thuirt Mgr Swinney: “Thèid co-ionnan ri 40 dreuchd làn-ùine a chruthachadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn agus bidh buannachd mhòr ann dhan eaconamaidh ionadail le bhith a’ stèidheachadh ionad foghlam Gàidhlig agus ealain ann an Uibhist.

“Bheir e cuideachd seasmhachd dhan Ghàidhlig anns an sgìre, a’ dol le dealas an riaghaltais gus taic a chur ris a’ chànan anns na coimhearsnachdan agus ann am foghlam aig gach ìre ann an Alba.”

Tha sinn a’ cruinneachadh airgid airson na bhios a’ choimhearsnachd a’ cur ris. Tadhail air an duilleag maoineachadh-sluaigh againn;                      no cuir tabhartas dìreach gu Ceòlas;  www.ceolas.co.uk

Cnoc- Soilleir Crowdfunding page

VIDEO HERE