ScotGov Awards Cnoc Soilleir £1m

16th December 2016

[:en]

We are also delighted to announce that we have received one Million pounds funding from the Scottish Government towards our Cnoc Soilleir building project in South Uist.

Deputy First Minister John Swinney has confirmed that £1million will be given to the Cnoc Soilleir project. Cnoc Soilleir is a partnership project between Ceòlas Uibhist and Lews Castle College UHI and is expected to have an economic benefit as well as helping Gaelic culture on South Uist.

Mr Swinney said: “The establishment of a multi-functioning Gaidhlig education and arts centre in Uist will create over 40 full-time equivalent jobs in the coming years and generate significant benefits for the local economy.

“It will also secure a sustainable future for Gaelic in the area, in line with this government’s commitment to supporting the language in communities and in education at all levels across Scotland.”

This is a real boost for us and we are very appreciative of the Scottish Government for supporting us. The project total cost is £7m and we are fundraising to raise money for our community contribution.[:gd]Tha sinn cuideachd air leth toilichte innse gu bheil sinn air taic-airgid luach millean not fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson a chur ri Cnoc Soilleir – pròiseact togail ann an Uibhist a Deas.

Tha an Leas Phrìomh Ministear, John Swinney, air dearbhadh gun tèid £1 millean a thoirt do phròiseact Chnoc Shoilleir. ’S e pròiseact co-obrachail eadar Ceòlas Uibhist agus Colaiste a’ Chaisteil UHI a tha ann an Cnoc Soilleir agus tha dùil gum bi buaidh eaconamach aige cho math ri bhith a’ cuideachadh cultar na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas.

Thuirt Mgr Swinney: “Thèid co-ionnan ri 40 dreuchd làn-ùine a chruthachadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn agus bidh buannachd mhòr ann dhan eaconamaidh ionadail le bhith a’ stèidheachadh ionad foghlam Gàidhlig agus ealain ann an Uibhist.

“Bheir e cuideachd seasmhachd dhan Ghàidhlig anns an sgìre, a’ dol le dealas an riaghaltais gus taic a chur ris a’ chànan anns na coimhearsnachdan agus ann am foghlam aig gach ìre ann an Alba.”

Tha sinn a’ cruinneachadh airgid airson na bhios a’ choimhearsnachd a’ cur ris.[:]