Oidhche Bhurns an Loch Baghasdail

16th February 2016
 Haggis.
Haggis.

Bha Oidhche Bhurns air a mhealltainn san dòigh Ghàidhealach ann an Taigh-òsta Loch Baghasdail. B’ e seo a’ chiad uair a rinn Ceòlas seo agus chòrd e ris na bha an làthair. Bha ceòl gu leòr agus Cailean Martindale (san dealbh) leis a’ phìob, Liam Alastair Crouse, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig againn, Coinneach Mhanson, Pòl McCaluim, feadhainn de Ghuthan an Iar (a chaidh ainmeachadh bho chionn ghoirid airson Duais Epic) a’ seinn. Ghabh fiù ‘s Heather NicFhionghuin fois bho obair a’ bhàir gus set a ghabhail air a’ phìob, agus ceòl dannsa ga chluiche le ‘Kilphedar Sound’ (san dealbh). Bha, cuideachd, an haggis glè mhath! Taing dhan chòcaire!

DSC_0490